FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, thug mi tòimhseachan dhuibh.

Audio is playing in pop-over.

Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain

Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, thug mi tòimhseachan dhuibh.

Cailleach bheag a’ chòta bhàin,

Mar as tighe thig i bhàn,

’S ann as fheàrr a laigheas i.

Tha mi an dùil gun robh sin furasta gu leòr. Sneachd, nach e? Còta bàn a bhios a’ laighe air ar dùthaich bho àm gu àm.

Bidh sneachd gu leòr a’ laighe uaireannan air mullaichean nam beann. Agus bu mhath leam ur toirt an-dràsta gu beanntan Loch Abar. Ann am meadhan nam beann gu sear air a’ Ghearasdan, tha Stob Coir’ na Ceannain. Tha i eadar An Gearasdan agus Loch Trèig, deas air Drochaid Ruaidh, ann an sgìre a tha làn beul-aithris. ’S ann anns an sgìre sin a bha Dòmhnall MacFhionnlaigh nan Dàn a’ fuireach. Sgrìobh esan dàn ainmeil–Òran na Comhachaig –aig deireadh an t-siathamh linn deug. Eun a dh’fhàsas cianail sean, a rèir beul-aithris. Bu mhath leam naidheachd innse dhuibh às an sgìre sin, anns a bheil comhachag.

Tha Stob Coir’ na Ceannain a’ faighinn a h-ainm bhon choire–Coir’ na Ceannain. Anns a’ choire, tha lochan. ’S e an ainm mo sgeòil Breac na h-Aona Sùl’ ann an Coir’ na Ceannain.

Tha greis mhòr ann bhon a thachair seo. Tha e cho fada on a bha breac anns an lochan sin ’s gun robh Gàidhlig na h-eòin agus aig a h-uile rud a bha beò aig an àm sin. Canaidh cuid gu bheil Gàidhlig aig a’ bhrìdean agus aig an fhitheach is feadhainn eile fhathast. Ach, an uair sin, bha i aig a h-uile eun. Nuair a bha Gàidhlig aig na h-eòin, b’ e sin linn an àigh.

Bha iolaire ann agus bha an latha uabhasach fuar. Cha d’ fhairich mi riamh i cho fuar,’ thuirt i. Ach thèid mi a-null a Shrath Oisein, thar a’ mhonaidh,’ thuirt i, oir tha seann damh a’ fuireach sa mhonadh sin. Tha e gu math sean. Thèid mi ga fhaicinn, agus cuiridh mi a’ cheist air–“an d’ fhairich thu a leithid seo de dh’fhuachd riamh?”’

Thachair an iolaire ris an damh. Nis, a charaid,’ thuirt an iolaire, an d’ fhairich thu riamh a leithid seo de dh’fhuachd?’

Cha d’ fhairich,’ thuirt e. Cha d’ fhairich mi riamh a leithid de dh’fhuachd. Ach innsidh mi seo dhut, thalla sìos gu dachaigh na comhachaig. Tha mise ceithir fichead bliadhna ’s a deich, ach tha ise fada nas sine na sin.’

Chaidh an iolaire sìos a’ bheinn. Thachair i ris a’ chomhachaig. Chuir i an aon cheist air a’ chomhachaig ’s a chuir i air an damh.

O,’ ars’ a chomhachag, cha d’ fhairich mise riamh a leithid seo de dh’fhuachd.

Cha d’ fhairich no mise,’ dh’aontaich an iolaire.

Ach trobhad seo,’ ars a’ chomhachag, tha seann bhreac ann an Lochan Coir’ na Ceannain a tha air aon sùil. Cuir an aon cheist airsan.’

Dh’fhalbh an iolaire a bhruidhinn ris an t-seann bhreac. Chuir an iolaire a’ cheist air, an d’ fhairich thu riamh a leithid de dh’fhuachd?’

Dh’fhairich,’ fhreagair am breac. Dh’fhairich mi aon latha a bha na b’ fhuaire na seo. Bha mi cho fuar anns an lochan ’s gun robh mi a’ gabhail ròidean mun cuairt, feuch an cuirinn teas orm fhìn. Bhuail mi air sgòr creige agus ’s e sin a dh’fhàg mi gus an latha an-diugh air aon sùil.’

Litir 811 Litir 811 Litir 813 Litir 813

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!