As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an Argos. Nise, ’s dòcha gum bi sibh a’ faighneachd – ‘carson a tha Ruairidh a’ dol a dh’innse dhuinn mu rudeigin a
cheannaich e ann am bùth-chatalog?’ No ’s dòcha nas fhaisge air an fhìrinn – ‘mo chreach, an robh Ruairidh ann am bùth nach robh na bùth-leabhraichean? Chan ann tric a thachras sin!’
Ged a tha bùth aig Argos ann an Inbhir Nis, chan e sin an t-àite a tha mi a’ ciallachadh. Gu dearbh, cha robh an Argos anns an robh mi eadhon ann an Alba.
Bha mi air làithean-saora anns a’ Ghrèig agus, air an rathad don cheann-uidhe, agam chaidh mi tro bhaile air an robh Argos mar ainm.
Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e car èibhinn aig an àm. Cha do thuig mi gu bheil ceangal ann eadar am baile Greugach agus a’ bhùth ann am Breatainn. Bha
an duine a chuir a’ bhùth air chois, Ridseard Tomkins, air làithean-saora anns a’ Ghrèig nuair a thàinig an smuain thuige mu ainm na bùtha. Bha e ann an
Argos.
Tha am baile gu math sean. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil daoine air a bhith a’ fuireach ann, gun sgur, airson seachd mìle bliadhna. Tha e anns an sgìre
ris an canar am Peloponnese, leth-eilean don iar-dheas air Baile na h-Àithne.
Bha mi a’ seòladh timcheall uisgeachan a’ Pheloponnese. Am measg nam bailtean-puirt dhan deach mi, bha Epidavros. ’S e baile beag brèagha a th’ ann,
suidhichte air a’ chladach aig ceann sàilean. Aig aon àm, ge-tà, bha baile dhen dearbh ainm suidhichte còig mìle air falbh, taobh a-staigh na dùthcha. Agus
bha e ainmeil air feadh saoghal nan Greugach.
’S iongantach mura d’ fhuair na seann lighichean Gàidhealach toradh an eòlais bho dhaoine de a leithid ann an Epidavros. Cha robh àite na bu chudromaiche
airson leigheas anns an t-saoghal chlasaigeach. Bha am baile stèidhichte faisg air àite-breith mac Apollo, Asklepios. Anns a’ cheathramh agus treas ceud ro
Chrìosd, bhiodh na mìltean mòr’ a’ dol ann airson leigheas, airson fèilltean-ealain agus, tha mi cinnteach, airson spòrs, marsantachd is suirghe.
Chan eil càil a’ dearbhadh sin barrachd na ’n taigh-cluiche a chaidh a thogail ann an nàdar de choire ri taobh a’ bhaile. Ghabhadh e ceithir mìle deug
duine – airson dealbhan-cluiche is cuirmean mòra. Tha e ann an staid cho math ’s gum bi e air a chleachdadh chun an latha an-diugh.
Nuair a chanas mi ‘taigh-cluiche’, chan eil mullach air, tuigidh sibh. Chan eil a leithid a dhìth anns a’ Ghrèig! Co-dhiù, sheas mi ann an teis-meadhan an
àite far am biodh na cluicheadairean a’ seasamh. Bha a’ bhean agam anns an t-sreath shuidheachan a b’ àirde anns an stèidiam. Agus bha e iongantach cho
furasta ’s a bha e dhuinn bruidhinn ri chèile. Bha an fhuaimearrachd – sin a’ Ghàidhlig air acoustics – iongantach math.
‘Gabh òran Gàidhlig,’ thuirt i. Ghabh mi sèist de ‘Fear a’ Bhàta’ ann an guth socair. Agus chuala i a h-uile facal gu furasta. ’S iomadh rud a thachair ann
an Epidavros thairis air dà mhìle gu leth bliadhna, ach tha amharas agam gum b’ e sin a chiad turas a bha ‘Fear a’ Bhàta’ air a sheinn ann. Agus, goirid an
dèidh sin, leig mi soraidh slàn le Epidavros agus dh’fhalbh mi – ann am bàta.