FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Luchag nam Fiaclan

Is geur fiacail à fraoch . An cuala sibh an

Audio is playing in pop-over.

Luchag nam Fiaclan

Is geur fiacail à fraoch . An cuala sibh an seanfhacal sin riamh? Is geur fiacail à fraoch. Tha e a’ ciallachadh gum bi an t-acras air duine às dèidh dha a bhith latha sa mhonadh– no air an fhraoch. Tha fhiaclan geur, agus cha mhair am biadh fada air an truinnsear. Tha e fìor, nach eil?

Tha m’ inntinn air fiaclan an-dràsta. Agus air na fiaclan a th’ aig daoine nuair a tha iad òg, agus a chailleas iad òg. Dè rinn sibh fhèin nuair a bha sibh òg, agus sibh a’ call fiacail?. Ann an cuid de dhùthchannan, bidh pàrantan ag innse do chloinn gu bheil sìthiche nam fiaclan ann. Agus ma chuireas am pàiste an t-seann fhiacail fo chluasag, no ann an gloinne uisge, thig an sìthiche air an oidhche. Anns a’ mhadainn, cha bhi sgeul air an fhiacail ach bidh bonn airgid ann na h-àite.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu chleachdadh traidiseanta ann an saoghal nan Gàidheal. Bhiodh a’ chlann a’ creidsinn gur e luch a thigeadh, an àite sìthiche. Bhiodh am pàiste a’ cur na fiacail ann am fròg ann am balla an taighe. An ceann greis, thigeadh an luch agus chuireadh i fiacail òirghil’ no fiacail airgid’ na h-àite. Bhiodh an leanabh a’ coimhead anns an fhròig grunn tursan tron latha airson faicinn an robh an luch air a bhith ann. Seo rann a chanadh a’ chlann:

A luchag, a luchag, a luchag bheag bhàidh,

A luchag, a luchag, a luchag bheag ghràidh,

Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag òirghil,

Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag airgid.

Is bheir mise dhutsa

Na chòmhnadh, na dhàil,

Fiacail bheag bhòidheach, bhàn,

Fiacail bheag ògain chual chnàmh,

Fiacail bheag òighe chual chnàmh,

Fiacail bheag òigridh luath-ghàir.

A bheil clann agaibh fhèin? Carson nach ionnsaich sibh a’ chiad rann dhaibh? Agus, ma nochdas bonn òirghil no airgid an àite fiacail òirghil no airgid, bhiodh sin math gu leòr, nach bitheadh?

Leis gu bheil mi a-mach air luchan, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an luch no luchaig. Tha iad a-mach air cho beag, meanbh ’s a tha i. Is làidir luchag fo chruach fheòir. Tha fear eile car coltach ri sin, far a bheil an luch ladarna, seach làidir, ged a dh’fheumas tu a bhith làidir airson a bhith ladarna, chanainn! Is ladarna luch fo a cruaich fhèin.

Agus tha samhla Gàidhlig a tha car coltach ri samhla ann am Beurla. Bha i cho sàmhach ri luch eaglais. She was as quiet as a church mouse. Bha i cho sàmhach ri luch eaglais. Agus, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann laghach air a bheil An Luchag agus an Cat’:

Thuirt an luchag anns an toll,

Dè d’ fhonn, a chait chruinn ghlais?’

Càirdeas, comann agus gaol,

Faodaidh tusa tighinn a-mach.’

B’ eòlach mi an dubhan crom

B’ àbhaist bhith am bonn do chas,

Mharbh thu mo phiuthar an-dè

’S thàrr mi fhìn air èiginn às!’

Tha an luchag beag ach chan eil i gun toinisg. Mar sin leibh an-dràsta.

Litir 808 Litir 808 Litir 810 Litir 810

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!