Bha mi ag aithris dhuibh an seann stòiridh mun Iasg Òir. Bha an t-iasg air duais a ghealltainn don iasgair. Thill an t-iasgair don chladach.
‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e. Nochd ceann an èisg.
‘Seadh, a charaid, dè nì mi dhut?’ ars an t-iasg.
‘Tha mo bhean ag iarraidh aran oir chan eil biadh anns an taigh.’
‘Thalla dhachaigh,’ thuirt an t-iasg, agus aig an doras mhòr, bidh aran gu leòr a’ feitheamh riut.’
Thill an t-iasgair dhachaigh. Bha aran gu leòr a’ feitheamh ris air stairsneach an dorais mhòir. ‘Tha aran gu leòr againn a-nise,’ thuirt e ri a bhean.
‘Tha,’ fhreagair i, ‘ach seall air mo choltas. Chan eil orm ach piullagan. Thalla don iasg agus iarr air aodach ùr a thoirt dhomh.’
Thill an t-iasgair don chladach. ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e.
Nochd ceann an èisg. ‘Seadh, a charaid, dè tha bhuat?’ thuirt e.
‘Chan eil aig mo bhean ach aodach luideagach. Tha i ag iarraidh aodach ùr.’
‘Thalla thusa dhachaigh agus bidh aodach ùr a’ feitheamh riut aig an doras mhòr,’ thuirt an t-iasg.
Thill an t-iasgair dhachaigh agus bha aodach ùr airson a mhnà air stairsneach an dorais mhòir.
‘Tha aodach ùr agad,’ thuirt e ri a bhean.
‘Tha,’ fhreagair ise, ‘ach dè feum a th’ ann an aodach ùr ma tha mi a’ fuireach ann an taigh mar seo, le uisge a’ tighinn tron mhullach? Tha mi ag iarraidh
taigh ùr spaideil.’
Leis nach robh a bhean toilichte, dh’fhalbh an t-iasgair don chladach a-rithist. ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e a-rithist.
‘Seadh, a charaid,’ thuirt an t-iasg, dè tha bhuat an turas seo?’
‘Tha mi duilich dragh a chur ort,’ ars an t-iasgair, ach chan eil mo bhean toilichte. Tha i ag iarraidh taigh ùr spaideil.’
‘Tha sin ceart gu leòr,’ thuirt an t-iasg òir. ‘Thalla thusa dhachaigh agus, far a bheil an seann taigh bochd agad an-dràsta, bidh taigh ùr spaideil a’
feitheamh riut.’
Thill am bodach dhachaigh agus, gu dearbh, bha an t-iasg ceart. Far an robh an seann taigh aige roimhe, bha a-nise taigh ùr spaideil, le mullach sglèatach
air.
‘Tha taigh ùr agad,’ thuirt e ri a bhean. ‘A bheil thu riaraichte a-nise?’
‘’S mi nach eil,’ thuirt i. ‘Bu mhath leam a bhith nam bhean-uasal, le taigh cus nas motha, agus searbhantan, agus carbad òir air beulaibh
an taighe.’
Bha an duine aice a’ fàs mì-thoilichte ach bha e ag iarraidh a bhean a chumail sona. Thill e don chladach.
‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e gu h-àrd.
‘Tha thu ann a-rithist,’ thuirt an t-iasg.
‘Tha,’ fhreagair an t-iasgair. ‘Tha i a-nise ag iarraidh taigh cus nas motha, le searbhantan agus carbad òir. Chan eil fhios a’m an gabh sin dèanamh dhi…’
‘Gabhaidh,’ fhreagair an t-iasg òir. ‘Thalla dhachaigh agus bidh taigh mòr mòr ann. Agus bidh carbad òir air a bheulaibh. Agus bidh searbhantan ann.’
Dh’fhalbh an t-iasgair dhachaigh agus bha taigh mòr mòr ann, le carbad òir air a bheulaibh. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin, nuair a
chuireas mi crìoch air an stòiridh anns an ath Litir.