FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Iasg Òir (1)

Bha uaireigin iasgair ann. Bha e a’ fuireach cuide ri

Audio is playing in pop-over.

An t-Iasg Òir (1)

Bha uaireigin iasgair ann. Bha e a’ fuireach cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh an cois na mara. Bha iad gu math bochd. Bha an t-uisge a’ faighinn a-steach tro mhullach an taighe, bha na h-uinneagan air an sgàineadh agus bha an cuid aodaich luideagach. Ach, a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr.

Latha a bha seo, chaidh am bodach chun na carraig le lìon. Bha a bhean ag iarraidh air iasg a ghlacadh airson an suipeir. Cha d’ fhuair e ach aon iasg beag. Ach ’s e iasg neònach a bh’ ann. Bha dath an òir air. Bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’òr.

Thug am bodach sùil gheur air an iasg. Agus thachair rud iongantach. Dh’fhosgail an t-iasg a bheul agus thòisich e air bruidhinn. Agus bha e a’ bruidhinn Gàidhlig. Uill, bha seo air taobh an iar na Gàidhealtachd – ’s beag an t-iongnadh gur e Gàidhlig a bh’ aige, ’s dòcha!

A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg, na marbh mi.’ Cha robh fios aig an iasgair gu dè chanadh e. ’S iomadh bliadhna a bha e a’ fuireach an cois na mara, agus ’s iomadh latha a bha e ag iasgach. Ach iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e – uill, cha do thachair sin riamh roimhe. ’S iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leòr.

A dhuine chòir,’ thuirt an t-iasg a-rithist. Na marbh mi. Tilg mi air ais don mhuir. Ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais.’

Dè an duais?’ dh’fhaighnich an t-iasgair. Dè gheibh mi bhuat?’

Gheibh,’ ars an t-iasg, rud sam bith a thogras mi a thoirt dhut – ach a-mhàin an cumhachd a th’ agam fhìn.’

Rinn an t-iasgair gàire. ’S e còmhradh neònach a bh’ ann gun teagamh, agus e a’ bruidhinn ri iasg beag òir. Hut,’ thuirt e, chan fhiach thu mòran air an truinnsear – tha thu ro bheag. Ach chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad.’ Leis a sin, thilg e an t-iasg air ais don mhuir, agus dh’fhalbh e dhachaigh.

An d’ fhuair thu iasg?’ thuirt a bhean ris nuair a thill e.

Fhuair,’ fhreagair an t-iasgair.

Agus càite a bheil e?’ ars a bhean.

Ach uill,’ thuirt an t-iasgair, bha e ro bheag. Agus leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù.

Carson sin?’ dh’fhaighnich a bhean. Dè bha ceàrr air?’

Uill, ’s e iasg òir a bh’ ann,’ thuirt an duine aice. Bha coltas air gun robh e air a dhèanamh de dh’òr.’

De dh’òr?’ thuirt i, de dh’òr? Chan urrainn sin a bhith.’

Chan e sin a-mhàin,’ lean an duine aice, ach bha e a’ bruidhinn rium – ann an Gàidhlig!’

Choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian. Ach chùm an t-iasgair a’ dol. Thuirt e rium, nan cuirinn air ais don mhuir e, gun toireadh e duais dhomh–duais sam bith a dh’iarrainn.’

Agus dè dh’iarr thu air?’

Cha do dh’iarr dad. Cha robh ann ach iasg beag.’

Uill,’ thuirt a bhean, chan eil sin math gu leòr. Chan eil grèim bìdh anns an taigh. Thalla thus’ air ais don chladach agus iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn.’

Thill an t-iasgair don chladach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.

Litir 805 Litir 805 Litir 807 Litir 807

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!