Càite a bheil an taigh-staile uisge-bheatha as fhaide tuath ann an Alba? An t-Eilean Sgitheanach, ’s dòcha, far a bheil Talisker air a
dhèanamh? No Leòdhas, far a bheil an Abhainn Dearg? Tha sin nas fhaide tuath na Talisker. Agus, gu dearbh, ’s e an Abhainn Dearg an taigh-staile as fhaide
siar ann an Alba. Ach chan e am fear as fhaide tuath.
Dè mu dheidhinn Inbhir Ùige ann an Gallaibh, far a bheilear a’ dèanamh Old Pulteney? Tha sin fada tuath, ach feumar cuimhneachadh gu bheil eileanan gu
tuath air sin far a bheilear a’ dèanamh uisge-bheatha. Tha mi a’ ciallachadh Arcaibh. Tha cuid gu math dèidheil air uisge-beatha Highland Park a th’ air a
dhèanamh ann am Baile na h-Eaglaise, no Kirkwall. ’S e, fhad ’s as aithne dhomh, an taigh-staile as fhaide tuath ann an Alba.
Chaidh ainmeachadh Highland Park’ oir ’s e High Park’ a bh’ air an àite far a bheil an taigh-staile bho shean. Agus tha e co-cheangailte ri fear Magnus
Eunson no Mansie’. Thathar ag ràdh gun robh Mansie a’ dèanamh uisge-bheatha gu mì-laghail air an làraich sin aig deireadh an ochdamh linn deug.
Agus cha robh e leis fhèin. Bha feadhainn eile ann an Arcaibh an sàs ann an dèanamh agus cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha. Agus bha iad nan uaislean aig an
aon àm!
Bha Mansie na bhùidsear agus na oifigear eaglais tron latha agus na chùl-mhùtaire air an oidhche. Bha fios aig na h-oifigearan cusbainn gun robh e an sàs
ann an gnothaichean mì-laghail. Bha fathann ann gun robh e a’ falach baraillean uisge-bheatha mì-laghail anns an eaglais far an robh e ag obair. Agus bha!
Aon turas bha am ministear a’ searmonachadh. B’ e a cheann-teagaisg olc na dibhe’. Fhad ’s a bha e sa chùbaid, bha sia baraillean de
dheoch làidir fo a chasan!
Latha a bha seo, roghnaich na h-oifigearan cusbainn reud a dhèanamh air an eaglais, feuch an t-uisge-beatha a lorg. Ach fhuair Mansie fios gu robh iad a’
tighinn. Ghluais e na baraillean don taigh aige agus chuir e ann am meadhan seòmar falamh iad. Chuir e ceann ciste-laighe air am muin, agus siota bàn glan
thairis air a h-uile nì. Bha e a’ coimhead coltach ri eileatrom, le corp anns a’ chiste.
Nuair a bha na h-oifigearan air an rathad chun an taigh’ aige, chruinnich Mansie grunnan còmhla anns an t-seòmar. Shleuchdaich iad mar gun robh iad ag
adhradh. Bha Bìoball mòr aig Mansie, agus bha leabhar-ùrnaigh aig a h-uile duine eile. Nuair a chuala iad na h-oifigearan a’ tighinn a-steach don taigh,
thòisich iad air caoineadh.
Thàinig a’ chiad oifigear a-steach. Nuair a chunnaic e na bha a’ dol, thug e a bhonaid dheth. Choimhead Mansie suas bhon Bhìoball aige. Bha coltas bròin
air. Ann an cagair, thuirt e aon rud sìmplidh ris an oifigear–a’ Bhreac’. ’S e galair uabhasach a bha sin, agus theich na h-oifigearan cusbainn gun
rannsachadh sam bith a dhèanamh. Cha deach iad faisg air Mansie airson greis an dèidh sin!