Bha mi ag aithris seann stòiridh dhuibh–Mac a’ Bhuidealair’. Bha an gille sgileil mar mhèirleach.
Dh’fhalbh na mèirlich a-mach a-rithist. Bha iad ag amas air mèirle ann an taigh mòr a-muigh air an dùthaich. Bha seilear anns an taigh. Leig na mèirlich an
gille sìos air ròp airson faicinn an robh càil luachmhor ann.
Cha robh e shìos fada nuair a thàinig solas air. Bha cuideigin anns an taigh. Theich na mèirlich ach dh’fhàg iad an gille anns an t-seilear.
Bha bogsa mhaidsichean aig a’ ghille na phòcaid. Las e maids. Anns an oisean, chunnaic e bian mairt. Bha na casan agus adharcan fhathast air.
Chuir e am bian timcheall air agus thòisich e air fuaim is ùpraid a dhèanamh. Thàinig cuideigin os a chionn. Cò th’ ann an sin?’ thuirt an guth.
Mise a th’ ann,’ fhreagair an gille.
Cò thu?’
An Donas fhèin,’ thuirt an gille. Mura faigh mi iuchair an taighe airson faighinn a-mach à seo, bheir mi thu fhèin agus an taigh agad
leam a dh’Ifrinn!’
Bha toirds aig an duine shuas. Dh’amais e an solas air a’ ghille agus chunnaic e rud uabhasach. Am Fear Riabhach, gun teagamh! Chuir e ròp sìos, agus
iuchraichean an taighe.
Nuair a bha an gille a-muigh, chùm e am bian mairt, agus na casan is adharcan, mu thimcheall, agus rinn e air àros nam mèirleach ann an Glaschu. Nuair a
ràinig e an t-àite, gun fhiosta do na mèirlich, chuala e iad ag argamaid mun stuth a ghoid iad bhon taigh mhòr. Chuir e a cheann, leis na h-adharcan,
a-steach agus dh’èigh e, Fàgaibh agams’ e. Tha sibh air a bhith ag obair às mo leth co-dhiù!’
Ghabh na mèirlich eagal mòr–a h-uile mac màthar dhiubh. Theich iad agus dh’fhàg iad an t-airgead ’s na seudan air a’ bhòrd. Lìon an
gille poca leotha.
Dh’fhalbh e an uair sin a dh’ionnsaigh taigh athar. Cha robh athair toilichte. Dè thug ort tilleadh dhachaigh an seo?’ thuirt athair. Caillidh mi m’
obair mar bhuidealair, agus bidh againn uile ri falbh.’
Agus cha robh fad ann gus an cual’ an t-uachdaran gun robh an gille air tilleadh. Nach do thuig mi gun robh an gille agad air a chur air falbh airson
ceàird ionnsachadh?’ thuirt e ris a’ bhuidealair.
Chuir mi air falbh e,’ thuirt am buidealair, ach cha robh e air falbh fada nuair a thill e.’
Uill, cha robh e ann fada gu leòr airson ceàird ionnsachadh,’ ars an t-uachdaran.
O, tha mi a’ smaoineachadh gun robh,’ fhreagair am buidealair. Tha e coltach gun robh e gu math soirbheachail.’
Agus dè a’ cheàird a bha sin?’
Mèirle,’ thuirt am buidealair. Cha do chuir sin iongnadh sam bith air an uachdaran. ’S e mèirle a rinn e anns an taigh mhòr a thòisich an gnothach.
Ma tha e cho math sin,’ ars an t-uachdaran, thalla dhachaigh agus inns dha seo. Bidh aige ris an siota a bhios sa leabaidh fodham ’s fo mo bhean a-nochd
a ghoid fhad ’s a tha sinn nar cadal. Mura dèan e sin, cuiridh mi peilear na cheann.’ Agus chì sinn dè thachair nuair a bheir mi an stòiridh gu crìch
an-ath-sheachdain.