O chionn fhada bha uachdaran air a’ Ghàidhealtachd. Bha buidealair air a bhith aige fad ùine mhòr. ’S e fear onarach a bh’ ann agus bha an t-uachdaran
toilichte leis. Bha mac aig a’ bhuidealair agus nuair a ràinig e an aois cheart fhuair e fhèin obair anns an taigh mhòr cuideachd.
Cha robh an gille air a bhith ag obair ann fada nuair a thòisich seudan is rudan luachmhor air dhol a dhìth. Fhuair an t-uachdaran a-mach gur e an gille a
bh’ air an goid. Bhruidhinn e ri athair–an seann bhuidealair–agus thuirt e ris gu feumadh e an gille aige a chur air falbh. Mura dèanadh e sin,
chuireadh an t-uachdaran an teaghlach gu lèir a-mach air an t-sitig.
Thug am buidealair a mhac air falbh leis a Ghlaschu, feuch dreuchd ùr a lorg dha. Air a’ chiad oidhche aca, thàinig fear dhan ionnsaigh air an t-sràid.
Dh’fhaighnich an srainnsear gu dè thug orra thighinn a Ghlaschu.
Tha mi ag iarraidh gun lorg an gille agam ceàird,’ thuirt am buidealair.
Ma-thà,’ thuirt am fear eile, ionnsaichidh mise ceàird dha.’
Dè a’ cheàird?’ thuirt am buidealair.
Mèirle,’ fhreagair am fear eile.
Cha bhi sin doirbh,’ ars am buidealair. ’S e mèirle a thug an seo e.’
Nas fheàrr buileach,’ thuirt am fear eile. Agus dh’fhalbh an gille leis a’ mhèirleach. Chaidh e a dh’fhuireach cuide ri gràisg mhèirleach
ann an Glaschu.
An dèidh latha no dhà, chaidh an gille a-mach le fear de na mèirlich airson faicinn mar a bha iad ag obair. Chaidh iad gu bùth aig fear-reic uaireadairean.
Tha mi ag iarraidh uaireadair òir a cheannach,’ thuirt am mèirleach ri fear na bùtha. Chuir fear na bùtha bogsa uaireadairean òir air a’ chunntair.
A bheil seòrsa eile agad?’ ars am mèirleach.
Tha,’ fhreagair fear na bùtha. Chaidh e a thogail bogsa eile de dh’uaireadairean. Nuair a bha a chùl ris a’ chunntair, chuir am mèirleach fear de na
h-uaireadairean suas a mhuinchill. Thug fear na bùtha bogsa eile leis chun a’ chunntair.
Chan eil gin dhiubh seo freagarrach,’ thuirt am mèirleach. Thug e taing do dh’fhear na bùtha agus dh’fhalbh e a-mach leis an uaireadair fhathast na
mhuinchill.
Nuair a bha am mèirleach a-mach à sealladh, thuirt an gille ri fear na bùtha, Am faca tu gu dè rinn an duine sin?’
Dè rinn e?’ dh’fhaighnich fear na bùtha.
Chuir e fear de na h-uaireadairean agad suas a mhuinchill agus dh’fhalbh e leis.’ Chunnt fear na bùtha na h-uaireadairean agus, ceart gu leòr, bha aonan a
dhìth. Ruith e a-mach às a’ bhùth, feuch poileas a lorg. Ach cha robh sgeul air poileas no, gu dearbh, air a’ mhèirleach.
Fhad ’s a bha fear na bùtha a-muigh air an t-sràid, chuir an gille an ceann air fear de na bogsaichean uaireadairean, agus chuir e am bogsa am broinn a
sheacaid. Dh’fhalbh e gu àros nam mèirleach.
Am faca tu na rinn mi sa bhùth?’ thuirt am mèirleach ris a’ ghille. Saoil am bi thu fhèin cho sgileil rium uair no uaireigin?’
Leis a sin, thug an gille am bogsa de dh’uaireadairean a-mach. Bha thu math,’ thuirt e, ach saoilidh mi gun robh mise na b’ fheàrr.’ Agus innsidh mi
dhuibh dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.