Bha fear às an Eilean Sgitheanach a’ fuireach ann am baile mòr Leeds ann an Sasainn. ’S e Uilleam an t-ainm a bh’ air. Nuair a bhiodh daoine a’ faighneachd
dheth carson a bha e a’ fuireach ann an Leeds, chanadh e gun do cheannaich e tiogaid bus ann an Glaschu turas airson a dhol don Ath Leathann.
Single to Broadford,’ thuirt e ri fear nan tiogaidean. Bha trioblaid aig Uilleam le deoch làidir. Bha e dìreach air trì uairean a thìde a chur seachad ann
an taigh-seinnse. Single to Broadford,’ thuirt e a-rithist, a’ feuchainn ri a theanga obrachadh dòigheil.
Sure, pal,’
thàinig freagairt bho air cùl na glainne. Stance 5. It’s leavin’ the noo.’
Ruith Uilleam a-mach don bhus, sheall e an tiogaid don dràibhear agus ghabh e suidheachan. Cha b’ fhada gus an robh cadal nam marbh air. Nuair a dhùisg e,
bha i dorch. Bidh sinn faisg air Gleanna Comhann, thuirt e ris fhèin, agus ghabh e norrag eile. Leis an fhìrinn innse, bha iad faisg air Penrith. Agus
nuair a ràinig e a cheann-uidhe, cha robh e ann am Broadford’, ach ann am Bradford.
Agus cha do dh’fhalbh e. Uill, chaidh e cho fada ri Leeds. Thachair e ri Tracey a bha na gruagaire. Phòs iad, agus bha Uilleam dòigheil gu leòr. Thòisich e
gnìomhachas. Bha bhana gheal aige le The Handy Skyeman: No Jobs Too Tough sgrìobhte oirre. Bha e moiteil às fhèin gur e Sgitheanach a bh’ ann
Cha bhiodh e a’ dol dhachaigh don Eilean uair sam bith, ge-tà. Cha robh airgead aige. Bhiodh e ga chosg anns an taigh-seinnse a h-uile
oidhche. Dh’fheuchadh e ri faighinn a-steach gu sàmhach ann an uairean beaga na maidne, ach bha Tracey an-còmhnaidh na dùisg. Bhiodh i a’ coimhead air mar
gur e amadan a bh’ ann. Agus ’s e amadan a bh’ ann, mar a bhiodh e fhèin aig aideachadh. Amadan na dibhe.
Oidhche a bha seo, thàinig e dhachaigh mu thrì uairean sa mhadainn. Thug e iuchair a-mach. Ach cha robh feum oirre. Bha an doras mòr fosgailte. Dh’fhàs
Uilleam amharasach. Carson nach robh an doras glaiste?
Choisich e a-steach agus chunnaic e gun robh uinneag briste. Bha stuth na laighe air an ùrlar. Bha an telebhisean air falbh. Bha mèirleach air a bhith anns
an taigh. Agus choisich e a-mach air an doras mhòr. Dh’fhàs Uilleam feargach. An uair sin iomagaineach. An robh Tracey ceart gu leòr?
Ruith e suas an staidhre cho math ’s a b’ urrainn. Bha a bhean na cadal. Dhùisg Uilleam i agus dh’inns e dhi mun mhèirle. Chuir e iongnadh oirre. Cha
chuala i dad.
An ath latha, chaidh Uilleam gu stèisean nam poileas. Nuair a gheibh sibh am mèirleach,’ thuirt e ris an t-sàirdseant, tha mi ag iarraidh bruidhinn ris.’
Bidh cothrom agad fhaicinn sa chùirt,’ thuirt am poileas.
Feumaidh mi bruidhinn ris,’ thuirt Uilleam a-rithist.
Chan fhaod sibh ceartas a dhèanamh ach tro ùghdarras na stàite,’ thuirt am poileas.
Tha mi coma mu cheartas,’ thuirt Uilleam, tha mi ag iarraidh fiosrachadh.’
Chuir seo iongnadh air an t-sàirdseant. Dè am fiosrachadh?’
Tha mi airson faighinn a-mach,’ thuirt Uilleam, ciamar a fhuair am mèirleach a-steach don taigh agam gun a bhith a’ dùsgadh mo mhnà. Tha mise air a bhith
a’ feuchainn airson bhliadhnaichean agus bidh i gam chluinntinn an-còmhnaidh!’