Cò am bàrd a bu chliùitiche a bh’ againn riamh ann an saoghal na Gàidhlig? Bidh cuid a’ cur Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair gu mullach a’ chlàir oir ’s e
sàr-bhàrd a bh’ ann. Bha e gu math geur. Ach cha robh e cho geur ’s nach fhulaingeadh e cleas bho àm gu àm.
Tha stòiridh ann mu thuras a bha Alasdair agus ministear eaglaise a’ còmhradh ri chèile. ‘Tha glè bheag de naidheachd phoblach agam,’ thuirt am ministear,
‘ach dè naidheachd phrìobhaideach a th’ agad fhèin?’
‘Glè bheag, gu dearbh,’ fhreagair Alasdair.
‘Nach cuala tu dad anns a’ pharaiste as fhiach innse dhomh?’ thuirt am ministear?
‘Cha chuala.’
‘Uill,’ ars am ministear, ‘tha naidheachd agam dhut fhèin.’
‘Dè th’ ann?’ thuirt Alasdair.
‘Tha fear de na h-èildearan agam air an nurs aige a dhèanamh trom,’ thuirt am ministear. Chuir e iongnadh air Alasdair nach robh e air dad a chluinntinn mu
dheidhinn sgainneal mar sin. Bha e a’ smaoineachadh gun robh fios aige air a h-uile rud a bha a’ dol. Nuair a chaidh e dhachaigh, dh’inns e an naidheachd
do a bhean. Rinn i gàire. ’S e nurs a bh’ innte-se agus bha i trom le leanabh. B’ e Alasdair fhèin an t-èildear!
Chan e gun robh Alasdair faoin no ain-deònach dèiligeadh ri ceistean de a leithid. Gu dearbh, ’s ann air a’ chaochladh a bha e. Sgrìobh e
gu leòr de bhàrdachd a bhiodh mòran a’ tomhas mar ‘drabasta’, ged as e glè bheag dhith a fhuair ann an clò. Mar a sgrìobh Iain MacCoinnich anns a’
chruinneachadh ainmeil aige ‘Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach’, ‘
while as a poet [Mac Mhaighstir Alasdair] merits the highest praise, he is not to be excused for his immoral pieces, which of course are excluded from
[this publication]
.’
Cha robh na Bhictòrianaich ro dhèidheil air sgrìobhadh a bha ‘mì-mhoralta’ ann an dòigh sam bith, co-dhiù nuair a thigeadh e gu feise. ’S dòcha gun robh
sabaid is marbhadh is droch-dhìol ceart gu leòr, ach cha bhiodh e idir fallain a bhith a’ foillseachadh gu robh fir is boireannaich ana-miannach, co-dhiù
bha sin anns an t-seòmar-chadail no air an taobh a-muigh dheth. Ann an saoghal na Gàidhlig, bha an casg sin a cheart cho làidir ’s a bha e ann an saoghal
na Beurla. Chun an latha an-diugh, cha mhòr nach eil e do-dhèante bàrdachd dhrabasta Mhic Mhaighstir Alasdair a lorg.
Anns an fhicheadamh linn, dh’atharraich cùisean ann an saoghal na Beurla gu mòr, ged a thug e ùine. Chaidh Lady Chatterley’s Lover le D H Lawrence
fhoillseachadh san Eadailt ann an naoi ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1928) ach ’s ann an naoi ceud deug is seasgad (1960) a chaidh an dreach slàn a chur
an clò anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, ann an Gàidhlig, uill … tha sinn a’ feitheamh fhathast airson a leithid de nobhail!
Ach – cleas gach sluagh eile san t-saoghal – bhitheadh na Gàidheil a’ beachdachadh air cuspairean mar sin – gaol, nòisean, miann, sannt. Agus bithidh
fhathast! Ach, bhon litreachas againn, cha mhòr gum biodh fios agad.
Uill, chan eil sin fìor tuilleadh. O chionn ghoirid thàinig leabhar beag a-mach air a bheil The Naughty Little Book of Gaelic. Bheir sinn sùil air
an-ath-sheachdain. Uill, air na pìosan a tha ceadaichte…!