Goirid às dèidh dhomh ‘Litir do Luchd-ionnsachaidh’ a thòiseachadh – còrr is còig bliadhn’ deug air ais – sgrìobh boireannach thugam aig a’ BhBC. Bha an
litir ann am Beurla agus na cois bha duilleag bhàn. Bha i ag iarraidh orm an duilleag a lìonadh le droch chainnt – mionnachadh ’s a leithid – ann an
Gàidhlig. Sgrìobh mi air ais thuice – ‘A bhana-charaid chòir, ’s dòcha gun dèan mi a leithid dhuibh nuair a tha sibh fileanta gu leòr gus litir a
sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Ach, leis an fhìrinn innse, ’s e glè bheag de dh’eòlas a th’ agam air cainnt mar sin co-dhiù.’ Cha chuala mi a-rithist bhuaipe.
Saoilidh mi gu bheil a’ Bheurla Shasannach – no a’ Bheurla Anglo-Shagsannach – mòran nas fheàrr na Gàidhlig nuair a thig e gu droch chainnt. Chan eil facal
coltach ris an f-word againn. Chan eil no aig na Cuimrich. Chuala mi fìor dhroch chainnt ann an Cuimris aon oidhche. Bha i làn dhen f-word a bhuineas don t-seann Bheurla.
Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil droch fhaclan againn ann an Gàidhlig. Tha iad ann, agus tha leabhar-iùil beag air tighinn a-mach anns a bheil a
leithid air a taisbeanadh. A bharrachd air mionnachadh, tha caibideilean ann mu mhallachadh, cleachdadh tombaca, òl is feise. Chan e leabhar ‘àbhaisteach’
a th’ ann, tuigidh sibh.
’S e an t-ainm a th’ air The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around. ’S e
an t-ùghdar, no am fear-cruinneachaidh, Mìcheal Newton agus chaidh an leabhar fhoillseachadh le Foillsichearan Oilthigh Cheap Bhreatainn ann an Alba
Nuaidh.
’S e acadamaigeach a th’ ann am Mìcheal Newton, agus chan eil e a’ brosnachadh droch chainnt no droch ghiùlan ann an saoghal na Gàidhlig – no saoghal an
luchd-ionnsachaidh! Ach tha e dhen bheachd, mura h-eil daoine eòlach air cainnt mar sin, gum bi iad a’ tionndadh gu Beurla, cànan a tha làn de a leithid.
Ge brith dè ar beachd moralta, bidh daoine ag iarraidh droch fhaclan is droch abairtean a bhith aca anns a’ chànan a chleachdas iad gu làitheil. Sin mar a
tha e. Ach tuigidh sibh gum bi mi car faiceallach mu na h-eisimpleirean a bheir mi dhuibh air an rèidio!
Anns a’ chaibideil mu bhith a’ cur mallachd, tha Mìcheal Newton a’ dèanamh na puing gu bheil a leithid co-cheangailte ri bàs, fulangas agus dìteadh
sìorraidh ann an Gàidhlig, agus chan ann ri feise. Seo eisimpleirean: bàs gun sagart ort!; bàs an fhithich ort! (bhathar a’ creidsinn gun robh
fithich òga a’ marbhadh na seann fheadhainn); b’ fheàrr leam gun robh thu ann an Hiort!; gun toir am Fear Mòr leis thu! Seo eisimpleirean bhon
chaibideil mu mhionnachadh: A mhic an Riabhaich!; A mhic Ifrinn!; ’s e plàigh a th’ annad!
Tha caibideil cuideachd mu thombaca anns a bheil an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh muinntir Bharraigh cho dèidheil air smocadh ’s gun do dh’fheuch iad
ri tombaca fhàs anns an eilean! Agus tha sinn a’ faighinn dàn à Ontario a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug:
Chan eil cailleach, chan eil bodach,
Ged bha fiamh is fraoch gu trod orr’
Nach tionndadh gu sìth bhon chogadh
Nuair gheibheadh iad toit dhen phìob
.
Cha do ràinig sinn òl no feise fhathast. Ach ruigidh – an-ath-sheachdain.