Bha mi ag innse dhuibh mar a thàinig na sìthichean gu bith. Cha robh cead aca falbh a-mach às na tuill aca bho Dhiardaoin gu Didòmhnaich oir bha na
làithean sin naomh do Chrìosdaidhean. Chuir e nam chuimhne seann sgeulachd a chuala mi o chionn bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a th’ oirre Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean.
Bha dithis bhodach a’ fuireach anns an aon ghleann. Bha iad le chèile crotach. Bhiodh iad a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich a
dhol a chèilidh air a chèile. Ach, air an rathad eatarra, bha coille mhòr dhorcha.
Didòmhnaich a bha seo, bha fear de na bodaich air chuairt mar a b’ àbhaist. Nuair a bha e faisg air cnoc gorm ann am meadhan na coille, chuala e guthan.
Bha na sìthichean am broinn an t-sìthein a’ gabhail òran. Seo mar a chaidh e: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt. Sheinn iad an
aon rud a-rithist agus a-rithist. Chaidh am bodach na b’ fhaisge. Chuir e a cheann a-steach. Chunnaic na sìthichean e agus sguir iad a’ seinn.
‘Dè tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh gu crosta.
‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars am bodach, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo
dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’
‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean còmhla. Agus thòisich am bodach air seinn: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain.
Bha na sìthichean air leth toilichte agus thug iad taing mhòr don bhodach. Fhad ’s a bha e a’ coiseachd air falbh bhon t-sìthean, thòisich a dhruim air fàs
aotrom. Dh’fhalbh a’ chroit agus bha am bodach a-nise cho dìreach ri saighead. Choisich e a-mach às a’ choille a-null gu taigh a charaid. Cha b’ urrainn
don bhodach eile an gnothach a chreidsinn. Bha e fhèin airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin anns an aon dòigh.
An ath Dhidòmhnaich chaidh an dàrna bodach air chuairt tron choille, agus e fhathast a’ giùlain croit mhòr air a dhruim. Nuair a ràinig e an sìthean, bha
na sìthichean a’ gabhail òran: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain. Cha robh faclan eile ann ach sin. A-rithist ’s
a-rithist. Chuir am bodach a cheann a-steach air an doras aca.
‘De tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh.
‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars esan, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Agus ma bheir sibh a’ chroit far mo
dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’
‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean.
Agus sheinn am bodach: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin ’s Dihaoine.
Ach cha do chòrd sin ris na sìthichean idir. ‘Mhill thu an t-òran againn,’ dh’èigh iad. ‘A-mach à seo leat!’ Agus nuair a theich am bodach fhuair e a-mach
nach robh a’ chroit aige air fàs na bu lugha idir. Gu dearbh, bha croit a’ bhodaich eile air a dhol air a dhruim-san cuideachd. Bha e
a-nise dà-chrotach agus cha robh e ann an sunnd idir.