Bidh sibh eòlach air na sìthichean. Chan eil mi a’ ciallachadh gu bheil sibh eòlach orra gu pearsanta. Air an làimh eile, ’s dòcha gu bheil. Tha cuimhne
agam air còmhradh a bh’ agam le fear à Uibhist. ‘Eil thu a’ creidsinn anns na sìthichean?’ dh’fhaighnich e dhìom. Thàinig a’ cheist mar chlach às an adhar.
‘Uill, tha mi a’ creidsinn gun robh na seann daoine a’ creidsinn annta,’ fhreagair mi. Bha mo thòn air an fheansa, gun teagamh.
‘O, tha mi fhìn a’ creidsinn annta,’ thuirt am fear eile le sgoinn. ‘Gu deimhinne, tha!’ Choimhead e orm le truas na shùilean.
Biodh sin mar a bhitheadh e. Fàgaidh mi agaibh fhèin e co-dhiù tha sibh a’ creidsinn annta gus nach eil. Ach is cinnteach gu bheil sibh air gu leòr a
chluinntinn mun deidhinn. Cò an Gàidheal nach eil?
Far a bheil mi fhìn a’ fuireach ann an Inbhir Nis, tha sgeulachdan rin aithris fhathast mu na sìthichean, gu h-àraidh an fheadhainn a bha a’ fuireach ann
an Tom na h-Iùbhraich air taobh an iar a’ bhaile. Eadhon an-diugh, cò rachadh an sin leis fhèin air oidhche dhorch!
A bheil fios agaibh, ge-tà, mar a thàinig na sìthichean gu bith anns a’ chiad dol a-mach? Chan eil cunntas orra sa Bhìoball, fhad ’s as aithne dhomh, agus
cha chreid mi gun tug Teàrlach Darwin beachd orra nas motha. Ach bha beachd aig na seann daoine orra, agus seo agaibh cunntas a thàinig à Eilean
Mhiùghlaigh anns an naoidheamh linn deug.
Nise, bha na daoine anns na h-eileanan sin eòlach air eun-mara air a bheil famhlag-mhara no amhlag-mhara; tha an t-ainm a’ ciallachadh sea swallow. ’S e ainm an eòin ann am Beurla storm petrel. Bidh iad a’ neadachadh ann an tuill ann an creagan no san talamh.
Bha an t-Aingeal Pròiseil a’ fuireach ann an Nèamh. Ach thòisich e ar-a-mach am measg nan ainglean. Thuirt e gum falbhadh e agus gun cruthaicheadh e
rìoghachd dha fhèin. Nuair a bha e a’ falbh a-mach air dòras Nèamh, thug e dealanaich dheilgneach agus beithir bheumnach leis aig a shàilean. Lean mòran
ainglean air.
Bha uiread a’ fàgail Nèamh ’s gun do dh’èigh am Mac, ‘Athair! Athair! Thathar a’ falmhachadh a’ bhaile!’ Aig a sin, dh’òrdaich an t-Athair gum biodh
gèatachan Nèamh agus Ifrinn air an dùnadh sa bhad. Agus ’s e sin a thachair. Bha Nèamh agus Ifrinn dùinte, glaiste.
An fheadhainn a bh’ air an taobh a-staigh, bha iad a-staigh. Ach an fheadhainn a bh’ air Nèamh fhàgail agus nach do ràinig Ifrinn, dh’itealaich iad
a-steach gu tuill anns an talamh dìreach mar na famhlagan-mara.
Is iad sin na sìthichean. Bhon uair sin tha iad air a bhith a’ fuireach fon talamh, agus chan fhaod iad falbh a-mach ach a-mhàin nuair a gheibh iad cead
bhon Rìgh. Chan eil cead aca falbh a-mach air Diardaoin oir ’s e sin Latha Chaluim Chille Chaoimh. Chan eil cead aca falbh a-mach air
Dihaoine nas motha, oir ’s e sin Latha a’ Mhic, no air Disathairne oir ’s e sin Latha Moire, no air Didòmhnaich oir ’s e sin Latha an Tighearna. Agus sin
agaibh an stòiridh air mar a thàinig na sìthichean gu bith o chionn fhad an t-saoghail.