Dè an lus as cùbhraidhe fàileadh a dh’fhàsas gu nàdarrach ann an Alba? Abair ceist airson Litir a thòiseachadh!
Bidh mi a’ coimhead air a’ chù agam agus tha e follaiseach gu bheil e beò ann an saoghal gu tur eadar-dhealaichte bhon t-saoghal anns a bheil mi fhìn beò.
Tha mi cinnteach gum bi ‘dealbhan’ na inntinn stèidhichte, chan ann air na laigheas air a shùil ach na bhuaileas air a shròin.
Ach tha cuid de dh’fhàilidhean ann a tha a’ bualadh air mac-an-duine gu mòr cuideachd. Bidh cuimhne agam gu sìorraidh air an fhàileadh chùbhraidh a bh’ air
cinn mo dhithis chloinne, goirid às dèidh gun d’ rugadh iad. Bha e cumhachdach!
Agus cofaidh – a’ ròstadh ann an taighean-bìdh is cafaidhean ann an Dùn Dè. Cha robh mi eadhon ag òl cofaidh an uair sin – bha mi ro òg. Ach bha am
fàileadh cho math ’s gum bi mi fhathast a’ cur mo shròin os cionn pacaid de chofaidh pronn nuair a dh’fhosglais mi a’ chiad turas i.
Agus o chionn fhada, nuair a bhithinn a’ coiseachd ann am beanntan is coilltean Thasmania, bhithinn gu tric a’ lorg lus air an robh lemon-scented boronia mar ainm. Nam pronnadh tu na duilleagan bhiodh fàileadh mar liomaid a’ tighinn bhuapa. Gach turas a bhios mi a’ tilleadh a
Thasmania, bidh mi an tòir air an lus sin. Abair na làithean brèagha anns na beanntan a tha e a’ toirt gu mo chuimhne.
Air ais do na flùraichean Albannach. An do thagh sibh an fheadhainn as fheàrr leibh fhèin fhathast? Chan eil an ròs no lus na tùise ceadaichte, no rud sam
bith eile a dh’fhàsas a-mhàin anns an leas. Tha mi ag iarraidh beachd air lusan dùthchasach.
Seo agaibh na trì a bu mhotha a chòrd rium as t-samhradh am-bliadhna. Anns a’ chiad dol a-mach, bha an roid. Sin preas a dh’fhàsas air a’ mhòintich. Tha
fàileadh car geur air a dh’fhosglas do chuinneanan. Bhiodh na seann daoine a’ cur dhuilleagan roide am measg stuth am bobhstairean airson deargannan a
chumail far na leapa. Agus tha cuid dhen bheachd gun cuir e fuath air meanbh-chuileagan. Ann am Beurla ’s e bog myrtle a th’ air an roid.
’S e an dàrna lus a chuimhnicheas mi – meannt an uisge. Tha e a’ coimhead brèagha, le duilleagan dorch-uaine agus flùraichean beaga purpaidh faisg air
mullach nan gasan. Abair am fàileadh a gheibh thu nuair a phronnas tu na duilleagan. Agus nithear deagh thì bhlasta le bhith a’ goil nan duilleag ann an
uisge. Tha e a cheart cho math ri tì-mheannt a ghabhas ceannach ann am bùth.
Sin dà lus le fàileadh air na duilleagan. Ach ’s e am fear as fheàrr leam lus le fàileadh cùbhraidh air na dìtheanan. Tha e doirbh tuairisgeul a dhèanamh
dhen fhàileadh – tha mìlseachd an ròis ann ach rudeigin de ghlainnead na giùthsaich cuideachd. Dhèanadh e deagh shiabann.
Tha na flùraichean beag ach pailt, le dath an uachdair orra, agus bidh iad ann eadar an t-Iuchar agus an Lùnastal. Tha e a’ fàs ann an lèanan agus pàircean
fliucha nach eil air an gearradh ro thric, agus tha e gu math cumanta ann an cuid de bhailtean croitearachd. Dè th’ ann? Crios Chù Chulainn no meadowsweet. Lus le dualchas sònraichte do na Gàidheil agus fàileadh air leth.