Bha e riamh inntinneach dhomh cho gann ’s a tha ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd anns a bheil an fheòrag a’ nochdadh. Anns an leabhar ùr aigeReading the Gaelic Landscape, tha Iain Moireach a’ dèanamh dheth gur dòcha gur e as coireach ri sin gun robh a’ Ghàidhealtachd a’ sìor chall a cuid chraobhan nuair a bha na Gàidheil ag ainmeachadh na tìre. Ach tha e a’ soilleireachadh aon àite far an nochd an
fheòrag. Chan e ‘feòrag’ a th’ oirre ge-tà, ach rudeigin eile. Thig mi gu sin an-ceartuair.
Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le tè à Uibhist a Deas o chionn grunn bhliadhnaichean. Dh’fhaighnich i dhìom, ‘A Ruairidh, dè a’ Ghàidhlig air pheasant?’ ‘Easag,’ fhreagair mise. ‘’S e sin a chuala mi co-dhiù.’
‘O, chan eil fhios a’m mu dheidhinn sin,’ thuirt i. ‘’S e sin a chanamaid fhèin airson squirrel.’ Bha sin inntinneach dhomh, gu h-àraidh leis gu
bheil Uibhist a Deas gu math gann de chraobhan – agus, mar sin, de dh’fheòragan. Cò às a thàinig easag airson squirrel? Ma dh’fhaodte gun
robh e a’ dol air ais fada ann an eachdraidh a’ chànain.
Agus ’s e easag a tha a’ riochdachadh na feòraig anns an ainm-àite a tha Iain Moireach ag ainmeachadh. ’S e an t-àite – Kintessack faisg air
Farrais ann am Moireibh. ’S e sin Ceann na h-Easaig ann an Gàidhlig. Tha Iain a’ dèanamh dheth gur e an fheòrag a th’ air a riochdachadh anns an
ainm.
Bu chòir don a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an àrainneachd na Gàidhealtachd lethbhreac fhaighinn de Reading the Gaelic Landscape. Tha an
t-uabhas fiosrachaidh ann a bhios na chuideachadh ann a bhith a’ tuigsinn ainmean-àite Gàidhlig. Agus tha fiosrachadh ann mu eachdraidh a’ chànain fhèin.
Aig deireadh an leabhair, tha Iain a’ toirt tar-shealladh air a’ ghnothach. Thug e sùil air ceathrad s a sia (46) dhen t-seachdad s a dhà (72) mapaichean Landranger de dh’Alba, far a bheil ainmean-àite Gàidhlig cumanta, gun a bhith air an atharrachadh le cànan eile. Rinn e sgrùdadh
air na h-eileamaidean annta. Tha e a’ dèanamh dheth gu bheil còrr is sia ceud dhiubh uile-gu-lèir. Tha ainmean ainmhidhean a’ dèanamh deich às a’ cheud
dhen bhriathrachas.
Nas cumanta na sin, tha na h-ainmean co-cheangailte ri uisge is sàl, lochan, aibhnichean, uillt is cladaichean. ’S docha nach eil sin na iongnadh, nuair a
thathar a’ coimhead air Gàidhealtachd na h-Alba.
Tha Iain na iasgair slaite agus tha e a’ toirt seachad fiosrachadh a bhios feumail do dh’iasgairean. Chan eil fhios a’m dè cho glic ’s a tha sin, agus e
fhèin ceum air thoiseach air mòran dhiubh an-dràsta leis an eòlas a th’ aige! Ach tha e math gu bheil e a’ faicinn gur e buidheann a th’ annta a bu chòir
Gàidhlig ionnsachadh.
’S e a chomhairle gum bu chòir ‘Lochan Dubha’ a sheachnadh, co-dhiù ro mheadhan an t-samhraidh. Tha iad fuar, searbhagach is mòineach. Bidh feadhainn le
ainmean eunach orra, leithid Loch nan Eun no Lochan nan Gèadh, nas fheàrr airson iasgach oir bidh eòin a’ todhradh an uisge. Agus bidh fios aig a h-uile
duine a leughas an leabhar gur e lochan iasgaich fìor mhath a th’ ann an Loch nam Breac Mòra agus Loch nam Breac Reamhar!