FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Bile

An-uiridh, chaidh mi gu àite brèagha faisg air Port Rìgh

Audio is playing in pop-over.

Am Bile

An-uiridh, chaidh mi gu àite brèagha faisg air Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. ’S e Am Bile a chanar ris. Tha e gu sear air ceann a tuath a’ bhaile air an rathad a-mach gu beul a’ bhàigh anns a bheil Port Rìgh suidhichte. ’S e leathad mòr feurach a th’ ann. Am Bile.

Bha mi a’ meòrachadh air an ainm-àite. Tha bile na sheann fhacal Gàidhlig airson craobh. Gu tric, tha e a’ seasamh airson craobh a bha uaireigin naomh, ’s dòcha anns na làithean ro-Chrìosdail. Air a’ Chomraich, tha sputan beag a tha car ainmeil air a bheil Sputan a’ Bhile. Gus o chionn ghoirid bha copan meatailt ceangailte ri clach ri taobh an sputain. Bhiodh luchd-siubhail ag òl às.

Tha Sputan a’ Bhile làimh ri tobar air a bheil An Tobar Naomh. Tha uisge an tobair a’ sruthadh sìos am bruthach agus a’ tighinn a-mach aig an sputan. Agus tha stòiridhean à beul-aithris a tha a’ ceangal an àite ri craobhan sònraichte no ’s dòcha beannaichte.

Mar sin, nuair a chaidh mi don Bhile faisg air Port Rìgh bha mi dhen bheachd gum biodh an t-ainm co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ri seann chraobh. Agus gum biodh inbhe spioradail aig an àite. Agus, gu dearbh, dè lorg mi ann ach seann chladh. ’S dòcha gun robh cill ann uaireigin. Uaireannan bhiodh Crìosdaidhean a’ togail cill ann an àite a bha coisrigte do na pàganaich romhpa.

Ach bha smuain eile agam mun ainm-àite. ’S e sin gun robh ‘Am Bile’ a’ ciallachadh ‘the lip’. Thathar a’ cleachdadh ‘lip’ mar chomharra de dh’fheart-tìre nàdarrach ann am Beurla. Carson nach bitheadh ann an Gàidhlig cuideachd? Tha an ceangal eadar buill-bhodhaig agus feartan-tìre eadhon nas làidire ann an Gàidhlig na tha e ann am Beurla.

Thàinig ‘Am Bile’ air ais gu m’ aire o chionn ghoirid a-rithist, agus mi a’ leughadh leabhar ùr. ’S e Reading the Gaelic Landscape/Leughadh Aghaidh na Tìre ainm an leabhair. Chaidh a sgrìobhadh le Iain Moireach a tha na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha Iain air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gu dìcheallach.

Tha fiosrachadh iongantach anns an leabhar. Tha mi an dùil gum bi e gu math feumail do dhaoine a chuireas ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh. Agus bidh e feumail do dh’adhbhar na Gàidhlig oir tha e a’ dearbhadh cho beartach ’s a tha ar cànan agus ar dualchas.

Tha Iain gu math eòlach air an Eilean Sgitheanach. Agus tha e dhen bheachd gur e ‘the lip’ a tha Am Bile faisg air Port Rìgh a’ ciallachadh. Tha an t-ainm na thuairisgeul de chumadh na tìre. Anns an leabhar, tha e ag ainmeachadh àite eile far a bheil bile anns an ainm. ’S e sin Coshieville ann an Gleann Lìomhann ann an Siorrachd Pheairt.

Tha an t-ainm a’ coimhead Frangach do chuid. Sin gus am faicear a’ Ghàidhlig air a shon – Cois a’ Bhile ‘close to the lip’. Tha leathad faisg air làimh air a bheil Am Bile. Tha Reading the Gaelic Landscape làn fiosrachadh inntinneach mar sin. Bheir sinn sùil air neamhnaid no dhà eile bhuaithe anns an ath Litir.

Litir 783 Litir 783 Litir 785 Litir 785

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!