FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fionnlagh MacRath agus Gleann Afraig

Bidh a roghainn fhèin aig gach duine air a’ ghleann

Audio is playing in pop-over.

Fionnlagh MacRath agus Gleann Afraig

Bidh a roghainn fhèin aig gach duine air a’ ghleann as brèagha ann an Alba. B’ e roghainn Fhionnlaigh MhicRath nach maireann – Gleann Afraig. Chaochail Fionnlagh o chionn beagan sheachdainean. Le a bhàs dh’fhalbh ceangal sònraichte a bh’ againn le gleidheadh na coille anns a’ ghleann sin. Tha feadhainn eile air an obair a thòisich Fionnlagh a ghabhail os làimh. Tha iad air a leudachadh, agus a’ choille leatha. Ach bha Fionnlagh ann aig an toiseach.

Bha mi riamh dhen bheachd gun robh coille ghiuthais na h-Alba coltach ris a’ Ghàidhlig. Uaireigin bha i sgapte air feadh earrann mhòr dhen dùthaich. Anns an fhicheadamh linn, bha i air a lughdachadh cho fada ’s gun robh i ann an cunnart a dhol à bith. Thòisich mac-an-duine air a dìon, agus tha i air a dhol am meud bhon uair sin. ’S e modail a th’ ann airson aiseirigh na Gàidhlig.

Chuala mi mu Fhionnlagh MacRath anns na seachdadan nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia. ’S e Sgitheanach a bh’ ann, à Port Rìgh, agus bha Gàidhlig aige. Shaoil mi gum biodh e inntinneach coinneachadh ris latha brèagha air choreigin.

Thàinig an cothrom nuair a bha mi ag obair aig Radio nan Gàidheal, tràth sna naochadan. Bha mi airson prògram aithriseil a dhèanamh mu ghlèidheadh na coille dùthchasaich ann an Gleann Afraig. Bha mi air leth toilichte nuair a dh’aontaich Fionnlagh a bhith anns a’ phrògram.

Choinnich sinn air latha brèagha samhraidh agus thug e mi timcheall nan àiteachan far an do rinn e oidhirp, aig toiseach nan seasgadan, a’ choille nàdarrach a dhìon. Bha Fionnlagh air thoiseach air càch. Cha robh e a’ tomhas na coille a-mhàin a rèir na thigeadh aiste de dh’fhiodh. Bha e a’ tuigsinn gun robh a’ choille ghiuthais cho gann, agus cho prìseil, ’s gun robh e mar uallach air Coimisean na Coilltearachd a bhith ga dìon ann an Gleann Afraig.Mo bheannachd air.

Abair an spòrs a bh’ againn an latha sin. Thug Fionnlagh a chù – labrador mòr bàn – leis. Aig toiseach an latha, dh’fhosgail Fionnlagh tiona sardines agus thug e sin mar bhiadh don chù. Agus, airson a’ chòrr dhen latha, cha b’ urrainn dhuinn dhol faisg air a’ chù oir bha e a’ brùchdail s a’ bramadaich, agus samh sgriosail an èisg a’ tighinn bhuaithe aig an dà cheann dheth! Nuair a bha e sa chàr cuide rinn, b’ fheudar dhuinn na h-uinneagan a chumail làn fhosgailte. Gu fortanach, bha i teth agus cha robh sgeul air a’ mheanbh-chuileig.

Thug Fionnlagh a phìob-mhòr leis. Bha e ealanta air a’ phìob agus bha e air port a sgrìobhadh a bha air leth fonnmhor – Fàgail Ghleann Afraig. Chlàr mi e a’ seinn a’ phuirt sin, ann am meadhan na coille. Bha rudeigin air leth mu na beagan mhionaidean sin cuide ri Fionnlagh nuair a thàinig duine, ceòl is àite còmhla.

Agus cànan. ‘Tha a’ choille coltach ris a’ Ghàidhlig,’ thuirt Fionnlagh, a’ cur an cèill nan dearbh smuaintean a bh’ agam fhìn. ‘Feumaidh sinn oidhirp a dhèanamh airson a glèidheadh ach ’s fhiach e. Oir cò sinn às aonais ar coille agus cò sinn às aonais ar cànain?’ Bha e na thlachd agus na urram dhomh an latha sin a chur seachad cuide ri Fionnlagh ann an Gleann Afraig nan craobh.

Litir 785 Litir 785 Litir 787 Litir 787

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!