Bha mi ann an dà Chnòideart o chionn ghoirid. Anns a’ Chèitean, bha mi ann an Cnòideart ann an Canada. Anns an Ògmhios bha mi anns a’ Chnòideart thùsail,
air taobh an iar Gàidhealtachd na h-Alba. Tha an dà Chnòideart snog, ach gu math eadar-dhealaichte bho chèile.
Ann an Canada, tha Cnòideart – Knoydart – air rubha air taobh an iar-thuath tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe. Tha e air a chuairteachadh le coille
nàdarrach ann an sgìre a bha uaireigin làn Gàidhlig. Tha soidhnichean-baile dà-chànanach anns an sgìre, agus tha beagan dhen chànan ann
fhathast.
Tha carragh-cuimhne ann an Cnòideart a tha car coltach ris a’ charragh air Blàr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis ann an Alba. Chan eil e cho mòr ris a’
charragh Albannach, ach tha an t-aon chumadh air. A h-uile bliadhna, bidh daoine a’ tighinn cruinn còmhla air an làraich seo anns a’ Ghiblean. Bidh iad a’
comharrachadh agus a’ cuimhneachadh Blàr Chùil Lodair agus a’ bhuaidh a thug sin air na Gàidheil.
Goirid às dèidh dhomh tilleadh a dh’Alba, chaidh mi fhìn ’s mo bhean don Chnòideart againn fhìn. Bha deireadh-sheachdain againn ann an Sgiathairidh, a tha
faisg air Ceann Loch Shubhairne air cladach a deas an locha. Bha sinn a’ fuireach ann an taigh a th’ air a ruith mar taigh-aoigheachd le cupall òg.
Abair gun robh e math. Bha deagh shìde ann, bha biadh math ann agus bha sinn ann an àite air leth brèagha. Tha Loch Shubhairne air beulaibh an taighe, agus
tha beanntan àrda ceithir-timcheall air. Tha an t-àite às aonais an dealain, ach dè an diofar? Bha e sìtheil, sàmhach, bòidheach. Chòrd e rinn gu mòr.
Nuair a tha sinn a’ feuchainn ri ainmean-àite na sgìre sin a thuigsinn, feumaidh sinn cuimhneachadh gun robh na Lochlannaich ann fad ùine
mhòr. Tha sin follaiseach bho ainmean nam bailtean. Tha feadhainn Ghàidhlig ann, leithid Inbhir Aoidh agus An Corran. Ach tha feadhainn eile ann, leithid
Àrnasdal agus Bàrrasdal, a tha gu follaiseach Lochlannach.
Agus, cho math ri sin, thug an t-Seann Lochlannais buaidh air na h-ainmean Gàidhlig. Mar eisimpleir, chì sinn ainmean beinne mar Buidhe Bheinn agus Ladhar
Bheinn. Nam biodh na h-ainmean seo a’ buntainn a-mhàin ri dualchas nan Gàidheal, bhiomaid an dùil gur e Beinn Bhuidhe agus Beinn Ladhrach, no a leithid
sin, a chitheamaid air na mapaichean.
Agus Sgiathairidh fhèin. Air cùl a’ bhaile, anns an robh uaireigin grunn theaghlaichean a’ fuireach, tha beinn. ’S e Sgùrr Sgiath Àirigh an t-ainm oirre.
Ann an dòigh, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall. Bhiodh Sgiath Àirigh a’ ciallachadh ‘the shieling sheltered by the mountain’. Agus ’s e sin a th’ ann. Bidh
a’ bheinn a’ dìon a’ bhaile bhon ghaoithe as cumanta.
Ach chan e ‘Sgùrr Sgiath Àirigh’ a chanas daoine ris a’ bheinn. Canaidh iad ‘Sgùrr Sgiathairidh’ – the mountain of Skiary. Chanainn gur e ainm a’
bhaile a thàinig an toiseach – nuair a bha e fhathast na àirigh. An àirigh a bh’ aig fear Skith, ’s dòcha. Ged a thàinig an eileamaid –ary bhon
Ghàidhlig don Lochlannais, ’s e ainm Lochlannach a th’ ann an Skiary. Rinn na Gàidheil nàdar de dh’ath-chruthachadh air an ainm a rèir nòsan na
Gàidhlig.