FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ailean an Rids   (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd Ailean Dòmhnallach, Ailean

Audio is playing in pop-over.

Ailean an Rids   (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd Ailean Dòmhnallach, Ailean an Rids, à Màbu ann an Ceap Breatainn. Bha e beò eadar seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794) agus ochd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1868). Sgrìobh Oighrig NicFhraing leabhar gu math inntinneach mu dheidhinn.

Bha Ailean na Abrach, agus bha e dlùth ri a dhùthchas agus ris na daoine dham buineadh e. Ach cha robh cianalas airson na seann dùthcha a’ tighinn a-steach don bhàrdachd aige. Bha cùisean truagh do na daoine cumanta ann an Alba. Bha Ailean dhen bheachd gun robh e na b’ fheàrr dheth far an robh e.

Chì sinn na beachdan aige gu làidir anns an dàn Moladh Albainn Nuaidh. Sgrìobh e an dàn seo mar fhreagairt do bhàrd eile a bh’ air a bhith a’ moladh na seann dùthcha.

Chuir thu bòilich sìos is bòsd

Air cùisean mòr nad rann,

Searbh a’ ghlòir leam cainnt do bheòil

Oir bha mi eòlach thall:

An Albainn fhuar, ge fada bhuam i

Suarach leam an call,

B’ e fàth an gruaim an càramh cruaidh

Bh’ air truaghain bhochd’ a bh’ ann.

Carson a bha e cho trom air Alba? Bha a chionn ’s gun robh na h-uaislean – na h-uachdarain – cho an-iochdmhor. Bha na Gàidheil air smachd air an dùthaich – agus air an dùthchas – a chall.

’S i ’n tìr a dh’fhàg thu ’n tìr gun chàirdeas

Tìr gun bhàigh ri Tuath,

Ach gu tùrsach iad ga fàgail

’S ànraidh thar a’ chuain:

Daoine bochda, sìol nan coitear

Bha gun stoc gun bhuar,

’S mairg a chàin iad tìr an àigh

San d’ fhàs iad nan daoine uaisl’.

Chì sinn taobh eile dhen bhàrd anns na dàin aige mu dheidhinn deoch làidir. B’ e seo cuspair a bha cumanta gu leòr am measg nam bàrd Gàidhealach. Dh’fhàg Ailean a dhachaigh air an Rids ann am Màbu ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847). Chaidh e a dh’fhuireach ann an Antigonish air tìr-mòr na h-Alba Nuaidh – àite a bha fhathast gu math Gàidhealach. Ach bha an Eaglais Chaitligeach air a dhol an aghaidh deoch làidir an sin. Agus cha robh Ailean cho toilichte. Ann an ochd ceud deug, caogad s a ceithir (1854), sgrìobh e Òran dhan Deoch. Seo criomag dheth:

Ge fada na mo thàmh mi

Tha ’n dàmhair dhomh dùsgadh

Cia fàth ma ’n thriall mo mhànran

’S gum b’ àbhaist dhomh sùgradh?

’S e ’n lagh a rinn am Pàpa

Thug m’ àbhachd gu tùrsa

’S a tharraing mi gu smuairein

Bhon dh’ fhuadaich e ’n drùdhag.

Agus tha am bàrd ag ràdh:

Ach toirmeasg ort, a Bhàccuis

Rinn m’ fhàilinn ’s bu mhòr i

Nuair fhuair thu ’n lùib do ghràidh mi

Le d’ àmhailtean gòrach...

Tha Ailean a’ stèidheachadh an dàrna rainn mu dheireadh air dàn a tha ainmeil ann am bàrdachd na Gàidhlig. An aithnich sibh fhèin am bàrd?

’S truagh nach d’ rugadh dall mi

Gun chainnt no gun lèirsinn

Mu ’m facas riamh an dram sin

Rinn aimhleas nan ceudan:

Nuair bhuaileas e sa cheann mì

Gun teann e ris fhèin mi

’S chan fhasa leam na ’m bàs

A bhith làthair às eugmhais.

Seadh, cò bh’ ann ach Uilleam Ros a bha cho math air bàrdachd gaoil. Aon bhàrd a’ toirt urram, tha mi an dùil, don fhear eile.

Litir 781 Litir 781 Litir 783 Litir 783

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!