Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh o chionn ghoirid, thachair mi ri Oighrig NicFhraing. Tha i à Alba bho thùs ach tha i air a bhith a’ fuireach ann an Alba
Nuaidh fad ùine mhòr. Tha i am measg gaisgich is bana-ghaisgich na Gàidhlig a tha a’ fuireach ann an Màbu (agus cha bheag iad). Bha mi gu math toilichte
coinneachadh rithe. Thug i lethbhreac dhomh dhen leabhar ghrinn aice Às a’ Bhràighe. Mo bheannachd oirre.
Tha an leabhar mu dheidhinn fear a bha na bhàrd ann an Alba Nuaidh anns an naoidheamh linn deug. B’ esan Ailean Dòmhnallach no Ailean an Rids mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e. Tha Ailean na dheagh eisimpleir de bheartas na Gàidhlig ann an Alba Nuaidh agus bu mhath leam
rudeigin innse dhuibh mu dheidhinn.
Rugadh e ann an Allt an t-Srathain ann am Bràigh Loch Abar ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794). B’ e a shloinneadh Ailean mac Alasdair ’ic
Aonghais ’ic Alasdair Bhàin agus bhuineadh e do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain. Bha athair Ailein, Alasdair Ruadh, na bhàrd cuideachd, a
rèir choltais. Bha e cuideachd na dhròbhair. Tha e coltach gun d’ fhuair Ailean sgoil mhath ann an Gàidhlig is Beurla, ged a tha dùil gur ann san
taigh-chèilidh, seach san sgoil, a dh’ionnsaich e tòrr dhen Ghàidhlig aige. Agus ’s ann san taigh-chèilidh a dh’ionnsaich e mu dhualchas Loch Abar agus na
Gàidhealtachd.
Bha cùisean a’ fàs doirbh do Dhòmhnallaich Bhoth Fhionndain aig toiseach an naoidheamh linn deug. Ann an ochd ceud deug ’s sia-deug (1816), sheòl an
teaghlach gu ruige Alba Nuadh. Ràinig iad tìr ann am Pictou, far an robh iomadach Gàidheal air a dhol romhpa. Ach cha robh iad an sin fada. Chùm iad a dol
gu ruige Màbu ann an Eilean Cheap Bhreatainn, far an d’ fhuair iad fearann air druim no ‘rids’. ’S ann an uair sin a fhuair iad am far-ainm Rids.
Ann am Màbu bha iad am measg Ghàidheal Caitligeach, mòran aca à Loch Abar. An coimeas ri mòran de na co-chreutairean aca ann an Ameireagaidh a Tuath, cha
robh iad aonarach. Bha Gàidhlig aig an nàbaidhean. Dh’èirich coimhearsnachd a bha gu bhith cha mhòr cho Gàidhealach ri gin anns an t-seann dùthaich. Tha
Gàidhlig air a bruidhinn ann am Màbu chun an latha an-diugh.
Tha Oighrig a’ dèanamh coimeas eadar bàrdachd Ailein agus a’ bhàrdachd aig a’ Bhàrd MacIlleathain a bha a’ fuireach air tìr-mòr na h-Alba Nuaidhe ann an
suidheachadh aonaranach. Anns an dàn ‘A’ Choille Ghruamach’, sgrìobh e:
Mun dèan mi àiteach, ’s mun tog mi bàrr ann
’S a’ choille ghàbhaidh chur às a bonn
Le neart mo ghàirdean, gum bi mi sàraicht’
Is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann.
Tha a’ bhàrdachd aig Ailean an Rids a’ sealltainn beachd gu math eadar-dhealaichte. Bha e gu mòr a’ moladh na dùthcha ùr anns an d’ fhuair e fhèin is mòran
Ghàidheal eile comraich.
Nis o ’n thàinig thu thar sàile
Chum an àite ghrinn,
Cha bhi fàilinn ort ri d’ latha
’S gach aon nì fàs dhuinn fhìn:
Gheibh thu mil air bhàrr nan lusan
Siùcar agus tì,
’S fheàrr dhut siud na ’n tìr a dh’fhàg thu
Aig a’ ghràisg na frìth.
Bheir sinn sùil a bharrachd air Ailean an Rids, agus a chuid bàrdachd, an-ath-sheachdain.