Nuair a bha mi ann an Alba Nuaidh, bha mi ag innse do dhaoine gun robh còrr math is ceud facal ann airson talamh àrd ann an Gàidhlig ann an Alba. Agus còrr
is ceathrad facal airson bhoglaichean. Sheall mi dhaibh an seòrsa briathrachais a bh’ aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir airson nàdar – agus cho beartach ’s
a bha e.
B’ fheàrr leam gun robh barrachd ùine air a bhith agam airson a bhith a’ faicinn na thachair don bhriathrachas sin nuair a chaidh a chur an sàs anns an
dùthaich ùir. Saoilidh mi gu bheil PhD no dhà a’ feitheamh ri oileanaich èasgaidh – an dà chuid air a’ bhriathrachas ann an Alba agus ann an Alba Nuaidh.
Ach bha aon rud follaiseach dhomh – cha bhiodh am facal maol ‘meall le coltas maol air’ gu mòran feum. No creachann ‘mullach beinne le
glè bheag a’ fàs air’. Oir chan fhaca mi a leithid de dh’àite.
Far nach eil tuathanas no baile no ’s dòcha boglaichean, tha Alba Nuadh còmhdaichte le coille. Is beag an t-iongnadh gun do ghabh cuid ‘tìr nan craobh’
oirre. Tha coille ann bho bhonn nan gleann gu mullaichean nam beann – agus chan eil na beanntan cho àrd ris an fheadhainn ann an Alba.
Bidh iad a’ cleachdadh an fhacail beinn ann an Alba Nuaidh. Bidh iad a’ cleachdadh bruthach is cnoc cuideachd. Airson ridge, canaidh iad rids, seach druim, ged a chuala mi brath air àite air an robh Druim Mòr a’ Ridse. Tha sin ann am Bràigh na
h-Aibhneadh ann an Ceap Breatainn. Ach chan eil mi cinnteach cia mheud eile de na faclan airson talamh àrd a mhair beò air taobh thall a’ chuain.
Chaidh mi a choimhead air a’ choille cuide ri Goiridh Dòmhnullach à Bràigh na h-Aibhneadh. Tha Goiridh fileanta ann an Gàidhlig. ’S e fìor ghaisgeach a’
chànain a th’ ann. Tha e air faclan co-cheangailte ri nàdar a chruinneachadh ann an Siorramachd Inbhir Nis.
Mar eisimpleir ’s e bèilleag a chanas iad airson cairt na craoibhe-beithe. Agus ’s e cairt a th’ aca airson bark, seach rùsg. Ach, coltach rinn fhèin, ’s e beithe a chanas iad airson birch, agus feàrna airson alder. Agus chòrd
ainm aca rium – airson craobh a tha na laighe marbh air làr na coille – craobh-laighidh. Saoilidh mi gun cleachd mi sin ann an Alba.
Ach bha aon fhacal a chuala mi ann an Ceap Breatainn nach do thuig mi an toiseach. Bha sinn air chuairt faisg air a’ chladach agus faisg air a’ choille.
Uill, tha a h-uile àite faisg air a’ choille! Bha sgudal ann a bha cuideigin air fhàgail ann – seann àirneis air choreigin. Agus thuirt cuideigin, ‘Bha iad
a’ smaoineachadh gur e seo an droighneach.’
Choimhead mi air an duine. ‘Dè tha thu a’ ciallachadh?’ dh’fhaighnich mi. ‘Uill,’ fhreagair e, ‘’s e droighneach àite far am bi daoine a’ cur sgudal. Dè
tha sibhse ag ràdh anns an t-seann dùthaich?’ ‘Lagais no òtrach,’ fhreagair mise. ‘Tha droighneach a’ ciallachadh coille anns a bheil preasan droighneach
a’ fàs.’
An uair sin, thuig mi an suidheachadh. Nuair a chaidh na Gàidheil a dh’Alba Nuaidh cha robh ann ach coille. Agus rinn iad òtrach anns an àite a bu lugha a bha feumail dhaibh – an droighneach. Agus dh’atharraich ciall an fhacail thall anns an dùthaich ùir.