FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Turas a dh’Alba Nuaidh (1)

A bheil sibh eòlach air a’ Ghàidhealtachd? Tha a’ cheist

Audio is playing in pop-over.

Turas a dh’Alba Nuaidh (1)

A bheil sibh eòlach air a’ Ghàidhealtachd? Tha a’ cheist sìmplidh ach ’s dòcha nach eil an fhreagairt buileach cho sìmplidh. Dè th’ anns a’ Ghàidhealtachd an-diugh? Ma tha barrachd luchd-labhairt na Gàidhlig air sràid ann an Glaschu na tha ann an, can, Tairbeart Loch Fìne, am bu chòir gabhail ris an t-sràid sin mar ‘Ghàidhealtachd’? Agus dè mu dheidhinn àiteachan a bha uaireigin Gàidhealach, ach anns a bheil glè bheag dhen chànan an-diugh? Càite a bheil a’ Ghàidhealtachd a’ tòiseachadh agus a’ crìochnachadh?

’S e sin cuspair deasbaid airson latha eile . Ach bha mi mothachail do na h-àiteachan anns an robh mi far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn – ann an Alba, Èirinn agus Eilean Mhanainn. Tha mi air a bhith air feadh Gàidhealtachd na h-Alba. Bha mi anns a’ chuid mhòir de Ghàidhealtachdan na h-Èireann. Agus bha mi am measg nan Gàidheal ann an Eilean Mhanainn.

A dh’aindeoin sin, bha mi riamh dhen bheachd nach robh mo thuigse de shaoghal nan Gàidheal coileanta, oir bha àite Gàidhealach eile ann far nach robh mi. Chan eil a’ Ghàidhealtachd sin anns an Roinn Eòrpa. Tha i ann an taobh sear Chanada. Bidh fios agaibh dè an t-àite a tha mi a’ ciallachadh – Alba Nuadh. Agus tha mi toilichte a ràdh gun robh mi ann o chionn ghoirid. Chòrd an t-àite rium glan.

’S iomadh ìomhaigh a nochdas ann an sùil mo chuimhne nuair a tha mi a’ beachdachadh air an turas agam. ’S i tè dhiubh rudeigin a thachair air a’ mhadainn mu dheireadh agam ann am prìomh bhaile na mòr-roinne, Halifax. Bha mi cuide ri companach aig a bheil deagh Ghàidhlig, agus a dh’obraicheas airson a’ chànain ann an Alba Nuaidh. Bha sinn a’ gabhail bracaist còmhla ann an taigh-òsta.

Dh’èirich mi airson bobhla mheasan is iogairt fhaighinn. Nuair a thill mi, bha mo chompanach a’ bruidhinn ri tè-fhrithealaidh nam bòrd – tè òg. Agus dè an cànan anns an robh iad a’ bruidhinn? A’ Ghàidhlig! Bha agam ri ràdh rium fhìn – ‘Chan eil thu ann an Alba, a bhalaich, ach ann an dùthaich chèin!’

Uill, feumaidh mi ràdh nach robh Alba Nuadh mar dhùthaich chèin. Uaireannan, nuair a bha mi am measg nan Gàidheal, bha mi a’ faireachdainn na bu chofhurtaile na bhithinn ann am mòran sgìrean Gallta ann an Alba. Bhruidhinn mi Gàidhlig gu leòr ann. Agus ’s iomadh duine ris an do thachair mi a bha bàigheil ris a’ chànan oir bha i aig pàrant no seana-phàrant.

Cha robh an tè a bha a’ frithealadh nam bòrd buileach fileanta ann an Gàidhlig. Ach tha a piuthar faisg air a bhith fileanta. Agus tha a bràthair gu tur fileanta.

Tha ìomhaigh eile a’ tighinn gu sùil mo chuimhne fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo. Bha mi ri taobh an rathaid ann an Eilean Cheap Bhreatainn. Bha mi air an càr a stad airson dealbh a thogail de shoidhne dhà-chànanach. Gu h-àrd bha ‘Long Point’ oirre. Agus gu h-ìosal ‘An Rubha Fada’.

Bha am post a’ lìbhrigeadh litrichean. Chuir e uinneag a charbaid sìos. ‘Do you have the Gaelic?’ dh’fhaighnich e. ‘Tha gu leòr,’ fhreagair mise ann an Gàidhlig. Agus thàinig gàire mhòr air aodann. B’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan a phàrantan agus thuig e mi. ’S iomadh turas a thachair rudan mar sin dhomh ann an Alba Nuaidh.

Litir 777 Litir 777 Litir 779 Litir 779

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!