’S e àite brèagha a th’ ann an Gleann Comhann. Tha cumadh nam beann brèagha, ach tha bòidhchead an àite a’ dol nas doimhne na sin. Bha an gleann na
dhachaigh uaireigin do na Fianna – Fionn MacCumhail agus a chàirdean. Tha an ainmean a’ nochdadh an siud ’s an seo fhathast. Nach brèagha sin!
’S e Sgòr nam Fiannaidh a th’ againn air a’ mhullach air ceann an iar an Aonaich Eagaich. Sin far an robh batail eadar na Fianna agus
Lochlannaich, mar a chì sinn. Tha Bealach Fhionnghail a’ ceangal Gleann Comhann ri Gleann Èite; tha dùil gu bheil sin ainmichte airson Fhinn MhicCumhail.
Agus air an Aonach Dhubh, tha Uamh Oisein far an robh Oisean Mac Fhinn a’ sgrìobhadh a chuid bàrdachd uaireigin.
Thathar ag ràdh gun robh na Fianna a’ dìon na Gàidhealtachd bho na Lochlannaich. A rèir beul-aithris, thàinig na Lochlannaich ann an ceathrad birlinn gu
ruige Baile a’ Chaolais. Bha tè de na birlinnean air a togail le fiodh-iubhair à bile naomh, ach chaidh i fodha ann an Loch Lìobhann.
Rinn Rìgh nan Lochlannach, Earragan, campa air an Làrfhaich, ann am Baile a’ Chaolais. Chuir e teachdaireachd gu Fionn MacCumhail gun robh aige ri
gèilleadh do na Lochlannaich. Bha na Fianna a-muigh a’ sealg agus chùm Fionn còmhradh ri Earragan gus am biodh ùine aig na gaisgich faighinn dhachaigh agus
dèanamh deiseil airson sabaid. Chladhaich na Fianna ceithir trainnsichean anns a’ mhonadh eadar Sgòr nam Fiannaidh agus Sgòr na Cìche. Bha iad deiseil.
Thagh an Rìgh Lochlannach seachd fichead de na gaisgich a b’ fheàrr aige. Dh’iarr e air Fionn an aon àireamh a chur nan aghaidh. Dh’aontaich Fionn. Thàinig
seachd fichead de na Fianna sìos an leathad gu Ach nan Con ann an Gleann Comhann far an do rinn iad a’ chùis air na Lochlannaich.
Lean sabaid mhòr eadar an dà thaobh, latha às dèidh latha, airson seachdain. Air an ochdamh latha, thug Earragan an còrr dhen armailt aige còmhla air an
Làrfhaich air bruach Loch Lìobhann. Thàinig na Fianna a-nuas orra agus bha strì eagallach, fhuilteach ann. Eadar am Meall Mòr agus an loch bha an t-àite
làn chorp. Agus bha Earragan fhèin air a mharbhadh le Gàidheal mòr air an robh Goll MacMorna.
Nuair a chunnaic iad gun robh an ceannard marbh, theich na bha air fhàgail de na Lochlannaich do na longan aca. Ged a bha gu leòr dhiubh
ann airson ceathrad birlinn a lìonadh air an rathad ann, cha robh gu leòr air fhàgail air an rathad às ach airson dà bhirlinn. Agus thathar ag ràdh nach do
ràinig na soithichean sin Lochlann. Bha iad air an call aig muir air an t-slighe dhachaigh.
Bha na mairbh – air gach taobh – air an tiodhlacadh air an Làrfhaich. Bha na commandairean air an cur ann an cisteachan cloiche, le cùirn air am muin. A
rèir choltais bha na cùirn sin ann am follais airson nan ceudan bhliadhnaichean às dèidh a’ bhatail.
Cuin a thachair e? Cò aige tha fios. Bidh cuid ag ràdh anns an treas no ceathramh ceud an dèidh Chrìosd. Bidh cuid a’ cumail a-mach nach robh Fionn is a
chompanaich riamh ann, ’s gum buin iad do mhac-meanmna nan Gàidheal. Tha sgeulachdan na Fèinne mar cheò air Sgòr nam Fiannaidh. Cha ghabh an greimeachadh.
Ach, às an aonais, bhiodh rudeigin a dhìth air beanntan na Gàidhealtachd.
.