Tha sinn ag obair tron aibidil ann an seann fhaclair Armstrong, a’ lorg fhaclan-fillte a tha iongantach no annasach. Agus seo facal dhuibh – gnùis-nàire. Gnùis-nàire. Bidh fios agaibh dè th’ ann an nàire – shame, embarrassment. Agus gnùis – uill, ’s e sin d’ aodann, no an
coltas air d’ aodann. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.
Is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le ‘h’.
Mar sin, thèid sinn gu ‘i’. Agus seo facal – ion-phòsta. Ion-phòsta. ’S e buadhair a th’ ann. Nuair a tha ion- air
beulaibh facal eile, tha e a’ ciallachadh fit for no worthy of. Tha neach a tha ion-phòsta airidh air a bhith pòsta. Tha e marriageable.
Agus lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Tha lèigh co-cheangailte ri slànachadh, nach eil? Tha e a’ ciallachadh dotair, physician.
Bidh sibh eòlach air an fhacal leigheas – rudeigin a bheir feabhas air neach a tha tinn. Agus losgadh – tha sin co-cheangailte ri teas mòr – burning. A bheil sibh a’ tuigsinn lèigh-losgadh a-nise? Cauterization.
Nise, facal a tha a’ tòiseachadh le ‘m’ – mòr-roinneach. Mòr-roinneach. ’S e stàit mhòr-roinneach a th’ ann an Canada – tha i air a roinn ann an
diofar mhòr-roinnean. Tha Ontario na mhòr-roinn de Chanada, mar a tha Alba Nuadh. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach– provincial, air a
dhèanamh de mhòr-roinnean.
Nuall-ghuthach
. Sin facal dhuibh. Chanamaid gu bheil cuideigin nuall-ghuthach ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan. Nuall no nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice no howling, roaring.
Bu toigh leam gluasad don treas litir dheug anns an aibidil Ghàidhlig – ‘o’. Agus tha facal-fillte brèagha agam dhuibh. ’S e ainmear a th’ ann – òr-mhadainn. Ma bhios sibh a’ leughadh bàrdachd Ghàidhlig, ’s dòcha gum bi sibh eòlach air. No air fear car coltach – òg-mhadainn. Òr-mhadainn –
briseadh an latha, èirigh na grèine, the break of day. An t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann. Chan eil àm nas brèagha na sin,
a bheil?
An ath fhacal – prìomh-sheòl. Ma tha sibh eòlach air bàtaichean, gu h-àraidh bàtaichean-seòlaidh, ’s dòcha gum bi sin follaiseach. ’S e am
prìomh-sheòl, an seòl as motha air gheat. The mainsail.
Agus ruadh-thuil. Ruadh-thuil. Gu litreachail tha sin a’ ciallachadh red-brown flood. Tha e a’ ciallachadh tuil air talamh mòintich far a
bheil an t-uisge air a ruadhachadh.
Chan eil ach trì litrichean air fhàgail a-nise – ‘s’, ‘t’ agus ‘u’. Seo fear a’ tòiseachadh le ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. Tuigidh sibh
labhairt – bruidhinn. Agus seach – uill, air an taobh, seachad air, mar gum bitheadh. Tha seach-labhairt a’ ciallachadh speaking allegorically.
Tuil-dhoras.
Sin am facal tuil a-rithist. Tuil-dhoras – a flood door. Dè th’ ann a sin? Uill, dà rud – a floodgate air neo the lock in a canal. Tuil-dhoras.
Agus am facal mu dheireadh – uim-sheòladair. Neach a bhios a’ seòladh uime. Tha uime stèidhichte air an roimhear mu. Tha e a’
ciallachadh about him no about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. Saoilidh mi gu bheil sinn fhèin air uim-sheòladh gu leòr a
dhèanamh timcheall an fhaclair an-dràsta. Beannachd leibh.