FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Faclan fillte à Faclair Armstrong (1)

Dè cho mòr ’s a tha ur briathrachas Gàidhlig? Am

Audio is playing in pop-over.

Faclan fillte à Faclair Armstrong (1)

Dè cho mòr ’s a tha ur briathrachas Gàidhlig? Am bi sibh a’ leughadh an fhaclair airson spòrs? Mholainn sin, ma tha sibh gu bhith a’ leudachadh na tha de dh’fhaclan air ur teangaidh. Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a chur deuchainn oirbh. Tha mi a’ dol a dh’ainmeachadh fhaclan-fillte à seann fhaclair Armstrong. Chì sinn cia mheud dhiubh air a bheil sibh eòlach.

’S e a’ chiad fhacal airgead-beò. ’S e rudeigin annasach a th’ ann – meatailt a tha a’ coimhead coltach ri airgead ach a bhios a’ gluasad mar gu bheil i beò. ’S e sin a’ Ghàidhlig air mercury no quicksilver – airgead-beò. Tha e a’ dèanamh ciall, nach eil?

An dàrna facal – agus tha e a’ tòiseachadh le ‘b’ oir bidh mi a’ gluasad tron aibidil – bian-leasaiche. Bian-leasaiche. Bu chòir sin a bhith furasta gu leòr. Bidh fios agaibh gur e bian seiche aig ainmhidh. Bian an tuirc – the hide of the wild boar. ’S e leasaiche duine a bhios a’ leasachadh rudeigin. ’S iomadh ‘oifigear-leasachaidh’ a th’ againn anns an t-saoghal sa bheil sinn beò. Mar sin, ’s bian-leasaiche neach a bhios a’ cartadh nam bian. Ann am Beurla – a tanner, somebody who tans hides. Bian-leasaiche.

A-nise, facal a’ tòiseachadh le ‘c’ – cluas-chrochag. Cluas-chrochag. Uill, cha bu chòir seo a bhith ro dhoirbh. Bidh fios agaibh dè th’ ann an cluas. Agus dè th’ ann an crochag? Uill, rudeigin beag a bhios a’ crochadh – pendulum ann an cloc no pendant a bhios, can, boireannach a’ cur oirre mar seud. Cluas-chrochag – an ear-ring or ear-pendant.

Tha sinn aig ‘d’ a-nise agus tha fear doirbh agam dhuibh. Chòrd am facal fillte seo rium a’ chiad turas a chunnaic mi e, ged a tha e car seann-fhasanta an-diugh – deud-cheartaiche. Deud-cheartaiche. Nise, ’s e deud seann fhacal Gàidhlig airson fiacail. Tha e càirdeach do dant ann an Cuimris, dens ann an Laideann agus dent ann am Fraingis. Tha e againn fhathast anns a’ Ghàidhlig airson toothache – an deudadh. Tha an deudadh orm – I have toothache. ’S e deud-cheartaiche neach a bhios a’ cur nan deudan agad ceart nuair a tha rudeigin ceàrr orra. A dentist! Deud-cheartaiche. Bidh sinn ag ràdh ‘fiaclair’ an-diugh.

Nise, eug-lios – sin E-U-G, tàthan, L-I-O-S. Eug-lios. Facal-fillte gu math inntinneach! A bheil sibh eòlach air an fhacal eug? Tha e a’ ciallachadh ‘bàs’. Ann an cuid de dhualchainntean, bithear ag ràdh dh’eug e airson chaochail e no bhàsaich e. Mar sin, ’s e eug-lios àite – lios, leas, gàrradh – far am bi na mairbh air an cur às dèidh dhaibh bàs fhaighinn. A cemetery or graveyard. Eug-lios. Tha am facal as cumanta airson a leithid – cladh – a’ tighinn bhon fear a tha a’ ciallachadh ‘dig’ – toll a chladhach. Chanainn gu bheil eug-lios a cheart cho tarraingeach, ged a tha e seann-fhasanta an-diugh.

Nise, fiadh-ghleann. Fiadh-ghleann. Gleann far am bi fèidh a’ cruinneachadh ann an treudan. Ach tha e cuideachd a’ ciallachadh wild glen. Tha am facal fiadh gu mòr co-cheangailte ri rudan ‘wild’ mar a chanar ann am Beurla. Às a sin gheibh sinn am facal fiadhaich. Tha spòrs ann am faclan, nach eil? Bidh tuilleadh agam dhuibh an-ath-sheachdain.

Litir 774 Litir 774 Litir 776 Litir 776

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!