FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (1)

A bheil sibh eòlach air an sgeulachd An Gille Carach

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (1)

A bheil sibh eòlach air an sgeulachd An Gille Carach agus an Dròbhair? Bha daoine seachd searbh sgìth dhen Ghille Charach agus na cleasan aige. Chuir iad ann am baraille e. Bha iad a’ dol ga thilgeil sìos leathad cas. Chaidh iad seachad air taigh-seinnse. Chuir iad am baraille ri taobh an rathaid agus chaidh iad a-steach airson dram.

Fhad ’s a bha iad a-staigh, nochd dròbhair le treud cruidh. Bhuail an dròbhair am baraille le a bhata. ‘Cò th’ ann a sin?’ thuirt an Gille Carach.

‘Dròbhair le crodh,’ fhreagair am fear eile. ‘Dè tha thu a’ dèanamh anns a’ bharaille?’

‘Tha mi an seo,’ thuirt an Gille Carach, ‘ann an àite brèagha far am faigheadh tu na dh’iarradh tu de dh’òr agus airgead.’

‘An leig thu a-steach mi tamall?’ dh’fhaighnich an dròbhair.

‘Gu dearbha fhèin, leigidh,’ thuirt an Gille Carach. ‘Ach feumaidh tu mo leigeil fhèin a-mach. Cuiridh mise ceann a’ bharaille air ais na àite, agus tu fhèin na bhroinn.’

Dh’aontaich an dròbhair ri sin. Dh’fhosgail e am baraille, leig e an Gille Carach a-mach, agus leum e fhèin a-steach ann. Chuir an Gille Carach ceann a’ bharaille air ais na àite. Agus dh’fhalbh e leis a’ chrodh. Goirid às dèidh sin, thàinig na daoine a-mach às an taigh-seinnse. Ghabh iad grèim air a’ bharaille agus roilig iad sìos an leathad cas e.

Ma bha sibh ag èisteachd ris an Litir mu dheireadh, bidh cuimhne agaibh gun robh mi a’ bruidhinn aig deireadh gnothaich air an Urramach Dòmhnall MacCaluim, a chaidh ainmeachadh anns a’ bhàrdachd aig Màiri Mhòr nan Òran. Carson, ma-thà, a thòisich mi le stòiridh? Uill, a chionn ’s gum biodh Dòmhnall MacCaluim ag innse an dearbh stòiridh do dhaoine nuair a bha e a’ coiteachadh as leth muinntir na Gàidhealtachd. Bha e a’ dèanamh sin aig àm strì an fhearainn.

‘Mar a rinn an Gille Carach air an dròbhair,’ chanadh e, ‘’s ann a nì na h-uachdarain oirnne. Tha iad a’ toirt a’ chreidsinn gum faigh sinn òr is airgead gu leòr ann am baraille na h-eilthireachd. Ach, nuair a gheibh iad ceann air ais air a’ bharaille, agus sinn fhèin na bhroinn, bidh iad a’ falbh le ar cuid air fad.’ Anns an dòigh san robh ‘diadhachd na saorsa’ connspaideach ann am Meadhan Ameireagaidh o chionn beagan dheicheadan, bha beachdan mar sin – aig ministear – connspaideach ann an Alba aig deireadh an naoidheamh linn deug.

Dh’fhàs Dòmhnall MacCaluim ainmeil airson na rinn e ann an eileanan, ach chan e eileanach a bh’ ann. Rugadh e ann an Creiginis ann an Earra-Ghàidheal ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1849). Dh’fhuiling an sgìre sin bho na Fuadaichean agus bha ceartas sòisealta gu mòr air cogais Dhòmhnaill bho òige. B’ e fear de na seanfhaclan a b’ fheàrr leis: Is fheàrr tuiteam anns a’ cheartas na seasamh anns an eucoir. Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh barrachd dhaoine a’ leantainn na feallsanachd sin an-diugh. Is fheàrr tuiteam anns a’ cheartas na seasamh anns an eucoir.

Fhuair MacCaluim a thrèanadh aig Oilthigh Ghlaschu far an do thachair e ri daoine radaigeach. Nuair a thòisich e mar iar-mhinistear anns a’ Mhorbhairne, chunnaic e le a shùilean fhèin mar a bha na h-uachdarain a’ ‘leasachadh’ an fhearainn gun diù do na daoine. Agus bidh tuilleadh agam air Dòmhnall MacCaluim an-ath-sheachdain.

Litir 769 Litir 769 Litir 771 Litir 771

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!