FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Beul-àtha nan Trì Allt (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Bheul-àtha nan Trì Allt

Audio is playing in pop-over.

Beul-àtha nan Trì Allt (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Bheul-àtha nan Trì Allt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. ’S e dìreach an t-ainm Beurla, Fairybridge, a th’ air na mapaichean. Tha an t-àm ann an t-ainm Gàidhlig a chur ann cuideachd oir tha an t-àite air a chuimhneachadh ann an eachdraidh, beul-aithris agus bàrdachd Ghàidhlig. Mar eisimpleir, a bheil fios agaibh cò sgrìobh an rann a leanas?:

Tha nise dà fhichead bliadhn’, Ach ceithir mìosan aig an àm, Bhon ghabh mi beannachd dhe mo chàirdean, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

An robh sibh ceart? ’S e am fuasgladh Màiri nighean Iain Bhàin, Màiri Mhòr nan Òran, anns an dàn aice Coinneamh nan Croitearan. Tha an dàn mu dheidhinn coinneamh phoblach aig croitearan à ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich – eadar Sniothasort, Diùranais, Bhatairnis agus Bràcadail – anns a’ Chèitean ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884). Bha seo aig àm strì an fhearainn air a’ Ghàidhealtachd. Bha Màiri a’ cuimhneachadh air ais cha mhòr ceathrad bliadhna gu coinneamh mhòr eaglaise air an dearbh làraich agus a’ tarraing misneachd bhon chuimhne:

’S iomadh ceann a chaidh an currac, ’S osna mhuladach gu cheann, Bhon chaidh na mìltean againn àireamh, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Bha sluagh a’ tional às gach ceàrna, Mar a bhàrcas tuil nam beann, Dh’èisteachd teachdaireachd na slàinte, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Cha robh àireamh nan croitearan cho mòr ri àireamh nan coitheanal eaglaise ach bha iad a cheart cho dealasach mun chùis aca. Bha iad a’ deasbad co-dhùnaidhean a’ Choimisein Rìoghail a bha a’ rannsachadh cor nan croitearan. An dèidh làimhe, chuir iad tagradh don Phrìomhaire, Uilleam Gladstone, nach bu chòir cumhachd fuadachaidh a bhith aig uachdarain tuilleadh.

Bha Màiri Mhòr uabhasach taiceil do na croitearan. ’S iomadh moladh a rinn i orra. Anns an dàn seo, tha i a’ cuimhneachadh strì muinntir a’ Bhràighe, far an robh na boireannaich aig ceann a’ ghnothaich:

Chuimhnich mi mnathan a’ Bhràighe, ’S dìol mo chàirdean aig an àm, ’S nuair nochd poileasman no dhà rinn, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Bha comann a’ toirt taic do na croitearan. B’ e sin a’ Highland Land Law Reform Association a chuireadh air chois ann an Lunnainn anns a’ Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Dh’atharraich iad an ainm gu Highland Land League trì bliadhna às dèidh sin. ’S ann orrasan a tha Màiri ag aithris nuair a sgrìobhas i ‘muinntir Lunnainn’:

Beannachd uainn gu muinntir Lunnainn, Sheas cho duineil air ar ceann, ’S gum faod sinn labhairt le dànachd, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Tha Màiri Mhòr cuideachd ag ainmeachadh fear anns an dàn air a bheil MacCaluim, a bha na ghaisgeach dhi, agus do na croitearan:

Chunnaic sinn bristeadh na fàire, ’S neòil na tràillealachd air chall, An latha a sheas MacCaluim làimh rinn, Aig Beul-àtha nan Trì Allt.

Cò bh’ ann am MacCaluim? Uill, b’ esan ministear ainmeil a sheas còraichean nan croitearan agus còraichean nan Gàidheal – an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim. Bha e na mhinistear anns an Eilean Sgitheanach aig àm strì an fhearainn, agus an uair sin ann an Leòdhas, ach cha do bhuin e do dh’eilean seach eilean dhiubh sin. Chuir Dòmhnall seachad ùine anns a’ phrìosan airson na rinn e as leth an t-sluaigh. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Litir 768 Litir 768 Litir 770 Litir 770

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!