Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Dòmhnall MacCaluim a sheas an guaillibh nan croitearan aig àm strì an fhearainn. Nuair a bha e na
mhinistear òg ann am Morbhairne agus ann an Àrasaig, chàin e gu làidir droch riaghladh nan uachdaran. Bhruidhinn e mu ‘thràilleachd dhòrainneach’ a bha a’
bualadh air sluagh na Gàidhealtachd. Agus riochdaich e croitearan Àrasaig aig coinneamh de Choimisean Napier.
Ach, ’s ann nuair a ghluais e gu Hàlainn ann a’ Bhatairnis anns an Eilean Sgitheanach a dh’fhàs e iomraiteach no, ann am beachd cuid, droch-chliùiteach.
Bha an coitheanal aige air an t-Sàbaid gu math beag oir bha esan ann an Eaglais na h-Alba. Bha a’ mhòr-chuid de mhuinntir na sgìre air a dhol a-null don
Eaglais Shaoir aig àm a’ Bhrisidh.
Tron t-seachdain, ge-tà, bhiodh na h-uimhir a’ tighinn a dh’èisteachd ris, agus e a’ toirt òraidean air olc siostam na h-uachdranachd. Anns a’ Chèitean
ochd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1884), bhruidhinn e air beulaibh coinneamh mhòr de chroitearan aig Beul Atha nan Trì Allt. Bha Màiri Mhòr nan Òran an
làthair, agus mhol i MacCaluim na bàrdachd.
‘Buinidh am fearann dhuinn,’ thuirt MacCaluim, ‘mar a bhuineas an èadhar, solas na grèine agus uisge dhuinn mar phàirt dhen dùthchas againn. Chan urrainn do mhac-an-duine a bhith beò às aonais pìos fearainn. Chan urrainn dhuinn a dhol suas leis
na h-eòin airson fuireach air taobh thall nan sgòthan. Chan urrainn dhuinn a dhol gu grunnd a’ chuain agus a bhith a’ fuireach cuide ris na mucan-mara.
Agus, eadhon nam b’ urrainn dhuinn, chanadh na h-uachdarain gur ann leothasan a bha sinn, anns an dearbh dhòigh ’s a bheil iad ag ràdh gur ann leothasan a
tha na h-eòin agus na h-èisg…’
Bha òraidean MhicCaluim gu tric ann am Beurla, ach le abairtean Gàidhlig air am filleadh a-steach. Bhruidhinn e gu mòr mu obair Dhè agus ’s e sealladh
Crìosdail a bha e a’ toirt seachad. Cha robh luchd-stiùiridh na h-Eaglaise toilichte leis, ge-tà. Chronaich a’ Chlèir gu dubh e airson, thuirt iad, na
croitearan a bhrosnachadh gu fòirneart agus gu gràin an aghaidh nan uachdaran. Ach lean MacCaluim air agus thàinig na poilis don mhansa aige. Chuir e
seachad deireadh-sheachdain ann an cealla-poilis ann am Port Rìgh.
Ann am pàipear a chaidh a lìbhrigeadh aig co-labhairt ann an Leòdhas o chionn bliadhna gu leth, rinn an t-Oll. Dòmhnall Meek coimeas inntinneach eadar
suidheachadh MhicCaluim agus ‘diadhachd na saorsa’ a dh’èirich ann an Ameireagaidh Laidinneach bho na seachdadan a-mach anns an linn a dh’fhalbh.
Bha sagartan ann an dùthchannan eadar Peru is El Salvador a’ dìon an t-sluaigh a bha a’ fulang bochdainn. Bha iad a’ cleachdadh nan sgriobtaran airson
‘dearbhadh’ gun robh iad a’ dèanamh toil Dhè. Ach chàin àrd-urrachan na h-Eaglaise gu dubh iad. Am measg nan àrd-urrachan sin, bha an Càrdanal Iosaph
Ratzinger a dh’èirich gu bhith na Phàp. Tha Meek ag ràdh gun do dhèilig Clèir an Eilein Sgitheanaich de dh’Eaglais na h-Alba ri Dòmhnall MacCaluim ann an
dòigh car coltach.
Ghluais MacCaluim gu coitheanal ùr ann an Eaglais na Mòintich ann an Tiriodh, àite ris an canar Heylipol ann am Beurla. Cha robh e ann fada ach chuir
muinntir an eilein carragh-cuimhne an-àirde dha. Bidh eachdraidh-beatha a’ ghaisgich seo a’ leantainn an-ath-sheachdain.