Bha mi air an taobh an iar ann am meadhan a’ gheamhraidh seo, goirid às dèidh do stoirm mhòr a bhith ann aig an aon àm ri reothairt agus bruthadh ìosal san àile. Nuair a thachras na trì rudan sin còmhla aig làn na mara, bidh gu tric damaiste air togalaichean faisg air a’
chladach.
’S ann mar sin a bha e anns an sgìre san robh mi. Bha an làn air briseadh a-steach gu taigh no dhà, bha seadaichean air an sgrios, agus chaidh milleadh a
dhèanamh air feansa a chumadh fèidh a-mach às a’ bhaile.
Faodaidh e a bhith eagallach a bhith ann an taigh faisg air cladach aig àm mar sin. Ach saoilidh mi gum biodh e fichead turas na b’ eagallaiche a bhith ann
an taigh-solais air sgeir a-muigh anns a’ chuan.
’S e fear de na taighean-solais as iongantaiche a th’ againn ann an Alba am fear air an Sgeir Mhòir faisg air Tiriodh. Aig àirde de cheathrad ’s a h-ochd
meatair, ’s e am fear as àirde ann an Alba. Anns na stoirmean as miosa bidh na tuinn a tha a’ briseadh air a’ ruigsinn faisg air leth-àird an tùir –
fichead meatair os cionn nan creagan.
Tha an Sgeir Mhòr mu dhusan mìle à Tiriodh, agus caogad mìle à tìr-mòr. Bha i gu math cunnartach do luingeas. Thairis air beagan is caogad bliadhna, chaidh
còrr is trithead soitheach fodha às dèidh dhaibh bualadh air an sgeir no sgeirean eile faisg oirre. Thug sin air an riaghaltas pàigheadh airson
taigh-solais a chur an-àirde air an sgeir. Thogadh e le Ailean Stevenson eadar ochd ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838) agus ochd ceud deug ceathrad ’s
a ceithir (1844). Aig an àm b’ e an taigh-solais a b’ àirde san t-saoghal.
Chaidh taigh-fiodha – taigh-còmhnaidh – a thogail ann an Guireag. Bhiodh e mòr gu leòr airson ceathrad duine a bhith a’ fuireach ann. Anns an Lùnastal ochd
ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838) thugadh an taigh a-mach don Sgeir Mhòir. Chaidh casan an togalaich a chur ann an tuill a bh’ air an dèanamh sa
chreig.
Trì mìosan an dèidh sin, bha an obair air sguir airson a’ gheamhraidh, ach a-mhàin ann an Haoidhnis ann an Tiriodh far an robh clachairean ag obair air na
clachan airson an tùir. As t-Samhain, fhuair Ailean Stevenson litir bho fhear an stòir ann an Haoidhnis. Bha an litir ag innse dha gun robh stoirm air
sgrios a dhèanamh air an togalach air an Sgeir Mhòir. Cha robh dad air fhàgail dheth.
B’ fheudar do Stevenson taigh ùr a thogail ach an turas seo sheas e an aghaidh stoirmean a’ gheamhraidh. Bha daoine a’ fuireach a-muigh air an Sgeir Mhòir
thairis air mìosan obrach an t-samhraidh, agus iad a’ togail an taigh-sholais. Bha an obair cunnartach, agus uaireannan bhiodh am biadh a’ fàs gann oir
chan fhaigheadh am bàta-frithealaidh a-mach don sgeir. Ach, gu h-iongantach, agus tha seo na mholadh do Stevenson agus a luchd-obrach, cha robh aon duine
air chall fhad ’s a bhathar a’ togail an taigh-sholais.
Tha taigh-solais na Sgeir Mhòir air iomadh soitheach a shàbhaladh, agus tha uisgeachan Thiriodh mòran nas sàbhailte na bhitheadh iad às aonais. Ach tha
corra tubaist-mhara air a bhith ann dha aindeoin, agus innsidh mi dhuibh mu thè ainmeil an-ath-sheachdain.