Bha mi ag innse dhuibh mu Chastell March – ‘Caisteal Eich’ – ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Chaidh ainmeachadh airson March – ‘Each’ –
fear de ridirean Rìgh Artair. Bha cluasan mòra aige coltach ri cluasan eich. Chùm e am falach iad le falt fada. Nuair a dh’fheumadh e cliop fhaighinn, ’s e
an gille a b’ òige anns a’ chaisteal a dhèanadh sin. Às dèidh làimhe, cha bhiodh sgeul air a’ ghille.
Bha an t-àrd-chòcaire, Derfel, ag innse don ghille a b’ òige, Islwyn, gum bu chòir dha teicheadh nuair a choisich March a-steach don chidsin. ‘Is tu an
gille as òige,’ thuirt e ri Islwyn. ‘Bidh thu a’ gearradh m’ fhuilt madainn Disathairne.’ Bha cuirm mhòr gu bhith ann oidhche Shathairne.
Feasgar Dihaoine, thòisich an luchd-ciùil air nochdadh bho air feadh ceann a tuath na Cuimrigh. Nam measg bha pìobaire air an robh Merfyn mar ainm. Chan e
a’ phìob-mhòr a bhiodh e a’ cluich ach tè a bhathar a’ dèanamh de chuilc. Chaidh Merfyn a-steach don chidsin far an robh Derfel agus Islwyn.
‘Sheas mi air mo phìob agus bhris mi i,’ thuirt Merfyn. ‘Càit am faigh mi cuilc airson tè ùr a dhèanamh?’
‘Thalla sìos an rathad,’ thuirt Derfel. ‘Chì thu coilleagan. Air an taobh thall dhiubh tha boglach. Tha cuilcean gu leòr a’ fàs an sin.’
Dh’fhalbh Merfyn a dh’iarraidh chuilcean. Cha robh e air falbh fada nuair a thill e ann an cabhaig, agus anail na uchd. ‘Lorg mi a’
bhoglach,’ thuirt e. ‘Gheàrr mi cuilc mhòr chruaidh a bha dìreach ceart airson pìob a dhèanamh. Agus rinn mi pìob. Ach, nuair a sheinn mi i, cha tigeadh
port sam bith aiste. An àite sin, bha guth. Agus a bheil fios agaibh dè bha e ag ràdh?’
‘Chan eil,’ thuirt Derfel, ‘dè bha e ag ràdh?’
‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March!’ fhreagair am pìobaire. ‘Èistibh!’
Thug e a’ phìob ùr às a phòcaid agus sheinn e i. ‘Tha cluasan eich aig March, tha cluasan eich aig March,’ sheinn a’ phìob.
‘Tha fios agam a-nise carson a tha falt fada aig March,’ thuirt Derfel. ‘Tha nàire air mu a chluasan.’
‘Tha thu ceart,’ thuirt guth air an cùlaibh. Thionndaidh iad. ’S e March fhèin a bh’ ann. ‘Bha an t-eagal orm gum biodh daoine a’ magadh orm oir bha
cluasan eich orm,’ thuirt e.
‘Ach ciamar a bha fios aig a’ phìob-chiùil?’ dh’fhaighnich Islwyn.
‘A, uill, a’ chiad chliop a bh’ agam,’ thuirt March, ‘dh’iarr mi air mo shaighdearan an gille a gheàrr m’ fhalt a thoirt air falbh. Ach chuir iad gu bàs e
agus chuir iad a chorp anns a’ bhoglaich. Bhon uair sin, thug mi òrdugh seachad nach bitheadh gille a’ faighinn bàs. Tha iad uile a’ faighinn poca làn òir
airson an sgìre seo fhàgail agus an dìomhaireachd a chumail.’
‘Agus ’s e taibhs a’ ghille a tha a’ bruidhinn anns a’ phìob,’ thuirt Islwyn.
‘’S e,’ fhreagair March.
‘Agus dè thachras dhòmhsa a-màireach?’ dh’fhaighnich Islwyn.
‘Faodaidh tusa fuireach an seo, ‘fhreagair an ridire. ‘Tha mi a’ dol a shealltainn mo chluasan don a h-uile duine a-màireach. Carson a bhiodh nàire orm mu
rudeigin a bh’ agam nuair a rugadh mi?’ Chùm March ri a ghealladh. Agus nuair a leig Derfel dheth a dhreuchd, ghabh Islwyn thairis bhuaithe mar
àrd-chòcaire Chastell March.