Bha mi ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh. Feumaidh mi ràdh gu bheil an dùthaich sin a’ còrdadh rium gu mòr. Mar a tha a’
Ghàidhealtachd againne, tha i gun teagamh Ceilteach. Ach, eucoltach ris a’ Ghàidhealtachd, tha an cànan aca gu math làidir.
Am measg nan sgìrean as brèagha anns a’ Chuimrigh, tha Rubha Llŷn. Chaidh mi gu ceann a-mach an rubha far a bheil Nant Gwrtheyrn, àite far am bi mòran a’
dol airson Cuimris ionnsachadh. Tha an sgìre sin làn sgeulachdan mar a tha a’ Ghàidhealtachd. Bha mi air mo dhòigh ann.
Tha baile air Rubha Llŷn air a bheil Abersoch. Tha taigh mòr an sin air a bheil Castell March. Nise, tha an t-ainm sin furasta gu leòr a thuigsinn
ma tha Gàidhlig agad. Castell – caisteal. March – marc, seann fhacal airson each. Tha sinn fhathast a’ bruidhinn air marcachd agus marc-shluagh. Castell March – Caisteal Eich.
Chan e gun robh each a’ fuireach ann. ’S ann airson duine a chaidh ainmeachadh – March Amheirchion. Bha March a’ fuireach anns a’ chaisteal far a
bheil an taigh mòr an-diugh. ’S e fear de ridirean Rìgh Artair a bh’ ann. Fhuair e ainm oir bha a chluasan uabhasach coltach ri cluasan eich.
Bha gràin aig March air na cluasan aige. Bha e gan cumail am falach le fhalt a bha fada, ruadh. Corra uair bha aige ri cliop fhaighinn. B’ e sin an obair
aig a’ ghille a b’ òige anns a’ chaisteal. Ach cho luath ’s a bhiodh falt Mharch air a ghearradh, bhiodh an gille a gheàrr e a’ dol à fianais. Cha robh
sgeul air a’ ghille tuilleadh. Cha robh fios le cinnt dè thachair do na gillean, ach bha fathannan a’ dol.
Latha a bha seo, dh’ iarr an t-àrd-chòcaire, Derfel, air a’ ghille a b’ òige a thighinn thuige ann an cidsin a’ chaisteil. ‘Islwyn, a bhalaich, trobhad an
seo,’ thuirt e.
‘Dè nì mi dhuibh, a Dherfel?’ dh’fhaighnich an gille òg.
‘’S e do thuras fhèin an t-ath thuras,’ thuirt Derfel ris.
‘Dè tha sibh a’ ciallachadh?’ arsa Islwyn.
‘Is tu an gille as òige anns a’ chaisteal a-nise. ’S e do thuras fhèin a th’ ann falt Mharch a ghearradh.
‘Ach chan aithne dhomh gearradh-fuilt, cha do rinn mi sin riamh,’ thuirt Islwyn.
‘Chan eil e gu diofar,’ fhreagair Derfel. ‘Cha chuir droch chliop dragh air March. Agus ’s ann ainneamh a gheibh e cliop co-dhiù.’
‘Chì mi sin,’ arsa Islwyn. ‘Tha fhalt thairis air a ghuailnean.’
‘Seo mo chomhairle,’ thuirt an t-àrd-chòcaire. ‘Thalla às a seo agus faigh obair ann an àite eile.’
‘Ach chan eil mi ag iarraidh falbh gu àite eile,’ thuirt an gille. ‘Tha mi cho sona ris an rìgh an seo. ’S dòcha latha brèagha air choreigin gum faigh mi
àrd dhreuchd mar a th’ agaibh fhèin.’
‘Chan eil dòchas sam bith ann gun tachair sin,’ fhreagair Derfel. ‘Gach gille òg a gheàrr falt Mharch, chaidh iad à fianais às dèidh làimhe. Chan eil fios
dè thachair dhaibh. Cha robh sgeul orra bhon uair sin. Agus tachraidh an aon rud riutsa. Feumaidh tu teicheadh.’
Bha Derfel dìreach air na faclan sin a ràdh nuair a chuala e ceum coise. Cò choisich a-steach don chidsin ach March. Agus leanaidh an sgeulachd anns an ath
Litir.