Ma bhios sibh ag èisteachd ri prògraman naidheachd Radio nan Gàidheal, bidh fios agaibh gur e fear le Gàidhlig a tha na Àrd-rùnaire air Caidreachas nam
Poileas an Alba. Tha Calum Steele, a bhuineas do dh’Uibhist a Deas, a’ leantainn cas-cheum eileanach eile le Gàidhlig a chuir an Caidreachas air chois. B’
esan ar caraid Tormod MacIlleMhoire, Tormod an t-Seòladair, à Siabost ann an Leòdhas.
Tha mi air a bhith ag innse dhuibh mu Thormod agus saoghal nàdair. Ach bha e ainmeil cuideachd ann an seirbheis a cho-chreutairean a bha ag obair mar
phoilis. Anns an fhèin-eachdraidh aige My Story, tha e ag aithris gun robh àrd-urrachan na seirbheis gu math mì-thoilichte gun robh poilis ann an
aonadh. Bha sin gu dubh an aghaidh nan riaghailtean. Ach bha Tormod dhen bheachd gun robh e riatanach gum biodh aonadh aca, oir bha am
pàigheadh cho truagh agus an uairean obrach cho fada.
Eadar naoi ceud deug ’s trì-deug (1913) agus naoi ceud deug ’s ochd-deug (1918), bha an t-aonadh ag obair ann an dìomhaireachd. Bha Tormod dhen bheachd gun
robh an t-àm ann a thoirt don fhollais.
Anns a’ Ghearran naoi ceud deug ’s naoi-deug (1919) chaidh an t-Àrd-chonstabal don Òban airson bruidhinn ris na h-oifigearan an sin, far an robh Tormod na
shàirdseant. An oidhche roimhe, bha coinneamh dhìomhair eadar Tormod ’s na poilis eile san aonadh. Dh’aontaich iad gu h-aona-ghuthach aideachadh gun robh iad nam buill. Bhiodh iad a’ diùltadh am ballrachd a leigeil seachad.
Chaidh Tormod a ghairm a-steach na aonar don Àrd-chonstabal. Thuirt an t-Àrd-chonstabal ris gu feumadh e an t-aonadh fhàgail no an t-seirbheis fhàgail.
Bhiodh còig mionaidean aige, na sheasamh gu dìreach, airson a cho-dhùnadh a dhèanamh. Thuirt Tormod gum fàgadh e an t-seirbheis. Cha do sheas ach dithis de
na h-oifigearan eile ri a ghualainn, ge-tà.
Ach cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich. Bha muinntir an Òbain cho mì-thoilichte ’s gun do rinn iad coiteachadh mòr. Sgrìobh iad chun a’ Phrìomhaire, Lloyd
George. Bha esan air dearbhadh a’ bhliadhna roimhe ann an Sasainn gun robh e tuigseach mu shuidheachadh nam poileas. An ceann seachdain, fhuair Tormod agus
a dhithis chompanach an dreuchdan air ais.
Bha stailc aig na poilis ann an naoi ceud deug is naoi-deug (1919) agus thuig an riaghaltas gu feumadh iad rudeigin a dhèanamh. Chuir iad achdan tron
Phàrlamaid. Chruthaich iad Caidreachas nam Poileas an Alba agus Caidreachas fa leth ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh.
Cha robh àrd-urrachan nam poileas toilichte le Tormod, ge-tà. Chuir iad a-mach às an Òban e agus dh’fheuch iad ri toirt air a dhreuchd a leigeil seachad
tràth air adhbharan slàinte. Nuair a leig e dheth a dhreuchd, le thoil fhèin, bha aige fhèin ’s aig a bhean ’s an ceathrar cloinne ris an taigh-poilis aca
fhàgail taobh a-staigh seachdain.
Thuirt Tormod, ‘Tha an duine a reiceas a phrionnsabalan airson àrdachadh tuarastail … aig an aon ìre ri beathaichean an achaidh.’ Bha a phrionnsabalan aige
agus chùm e riutha gu daingeann. Chaochail Tormod ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a naoi (1949). ‘Athair Caidreachas
nam Poileas’. ‘Rìgh nan Nathraichean’. Abair beatha a bh’ aige.