FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tormod an t-Seòladair (4)

Bha mi ag innse dhuibh mu ‘fhear nan nathraichean’, Tormod

Audio is playing in pop-over.

Tormod an t-Seòladair (4)

Bha mi ag innse dhuibh mu ‘fhear nan nathraichean’, Tormod an t-Seòladair. Bha e cuideachd measail air easgannan. Fhuair e a-mach gum bi an easgann na tàmh anns a’ gheamhradh. Tha e car coltach ri cadal a’ gheamhraidh, no cadal na feòraig.

Timcheall air deireadh na Dàmhair bidh easgannan ann an lochan le poll air a’ ghrunnd gan cladhach fhèin a-steach don pholl. Bidh an fheadhainn anns na h-uillt is aibhnichean a’ dol a dh’ionnsaigh na màthar-uisge. Gheibh iad lorg air àite bog is fliuch. Nì iad toll dhaibh fhèin agus sin far an cuir iad seachad an geamhradh. Nochdaidh iad a-rithist aig toiseach a’ Ghiblein.

Bha beachd inntinneach aig Tormod air a’ ghnothach seo. Mura b’ e gun robh easgannan a’ faighinn cadal a’ gheamhraidh, thuirt e, bhiodh na bric is bradain ann an aibhnichean is lochan na h-Alba a’ dol à bith taobh a-staigh dusan bliadhna. Ciamar? Uill, nuair a tha na h-èisg sin a’ sìolachadh, tha na h-easgannan am falach anns na tuill aca. Nam biodh iad a-muigh, agus a’ lorg biadh, chan fhada gus an itheadh iad iuchair a’ bhric ’s a’ bhradain, agus na h-èisg bheaga a bharrachd.

Fad nan ceudan bhliadhnaichean, bhathar a’ creidsinn, nan tuiteadh gaoisid à earball no muing eich a dh’uisge, gum biodh i a’ tionndadh na h-easgainn an ceann beagan seachdainean. Nise, bha Tormod gu math measail air beul-aithris agus chlàir e stòiridhean a chuala e aig an taigh ann an Leòdhas. Ach thuig e nach robh seo fìor.

Ge-tà, sgrìobh e rud inntinneach mu dheidhinn: ‘Chunnaic mi le mo shùilean fhèin,’ sgrìobh e, ‘gaoisid eich mu cheithir òirlich a dh’fhaid a’ sealltainn ghluasadan ainmhidheach le bhith a’ snìomh bho thaobh gu taobh. Bha a’ ghaoisid seo air a bhith ann an uisge salach airson timcheall air sia seachdainean…’ A’ gluasad mar easgann!

Bha mìneachadh saidheansail aige. An dèidh greis ann an uisge, fàsaidh meadhan gaoisid còsach. Gheibh meanbh-bhiastagan, leithid protozoa, a-steach ann. Bidh iad cuideachd air an taobh a-muigh dhen ghaoisid. Agus ’s e an gluasad acasan a tha a’ toirt air a’ ghaoisid a bhith a’ gluasad mar gu bheil i beò.

Bha beachd cuideachd aig Tormod air uilebheist Loch Nis. Aig an àm sin, bha na pàipearan-naidheachd làn aithrisean mu Niseag. Bha Tormod dhen bheachd gun robh rudeigin mòr beò ann an uisgeachan an locha. Bha e dhen bheachd gur dòcha gur e easgann mòr mòr a bh’ ann. ’S e an aon mhìneachadh a bh’ aige airson beul-aithris mu uilebheist anns na lochan ann am meadhan Leòdhais. Saoil an canadh e an-diugh gu bheil uilebheist gu cinnteach ann an Loch Nis?

Bu mhath leam crìoch a chur air cunntasan Thormoid air nàdar le naidheachd a chuala e ann an Ceann Tìre. Bha ùidh aig Tormod ann am farspagan.

Bha bodach a bha seo air na fiaclan fuadain aige a ghlanadh. Chuir e air clach iad airson ’s gun tiormaicheadh iad ann an solas na grèine. Thàinig farspag agus ghoid i na fiaclan. Bha am bodach dhen bheachd nach fhaiceadh e tuilleadh iad. Ach, beagan làithean às dèidh sin, bha iad air an lorg, slàn, air tràigh mu mhìle air falbh bhon taigh aige. Tha abairt ùr a’ tighinn dham cheann. ’S dòcha gun cleachd mi uaireigin i … leig mi e mar a leig an fharspag na fiaclan! Beannachd leibh.

Litir 753 Litir 753 Litir 755 Litir 755

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!