A bheil sibh eòlach air an Taobh Sear ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich? Gu deas air Stafainn, faisg air Bhaltos, tha seann dùn ann air a bheil
an Dùn Dearg mar ainm. Bhiodh na Gàidheil gu math tric a’ dèanamh ceangal eadar na seann làraich a tha seo agus caractaran à beul-aithris, leithid na
Fèinne no famhairean no gaisgich eile.
Tha stòiridh ann a tha a’ buntainn ris an Dùn Dearg. Dè cho fìor ’s a tha e … uill … fàgaidh mi sin agaibh fhèin. Ach seo e co-dhiù –
stòiridh ris an canar ‘Famhairean an Dùin Deirg’.
Uair a bh’ ann bha famhairean a’ fuireach anns an Dùn Dearg. Gu math tric, bhiodh iad a’ sabaid le chèile. Bhiodh iad a’ tarraing chraobhan a-mach agus a’
briseadh chlachan agus a’ dèanamh sgrios air an dùthaich nuair a bhiodh iad a’ sabaid. Bhiodh iad ag ithe tòrr bìdh cuideachd – mairt is fiadh is caora
airson aon diathaid. No barrachd na sin.
Cha robh aca eatarra, ge-tà, ach aon bhò-bhainne. Bha Glas Ghoillean oirre mar ainm. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh ‘a’ bhò ghlas air an robh aghaidh
mhòr ghrànda’, no rudeigin mar sin. Co-dhiù, b’ ise an tè mu dheireadh dhen chrodh iongantach mòr a bha uaireigin a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach.
Nuair a bha i na laighe, chanadh na daoine, bha a h-adhaircean a’ ruigsinn nan speuran. Agus, nuair a bha i na seasamh, uill…
Bhiodh Glas Ghoillean a’ feurachadh a-mhàin ann an ceithir glinn anns an eilean – Gleann Hionasdail is Gleann Romasdail ann an Tròndairnis, Gleann
Scaladail ann am Minginis agus Gleann Dail ann an Diùranais. Às na h-àiteachan sin, far an robh feur math a’ fàs agus far an robh uisge fìor-ghlan ri òl,
chluinneadh a’ bhò gairm famhair às an Dùn Dearg.
Nuair a thigeadh na famhairean cruinn còmhla, cha robh rùm gu leòr dhaibh uile anns an Dùn. Agus cha robh taighean eile anns an Eilean Sgitheanach a bha
mòr gu leòr dhaibh. Mar sin, bhiodh iad gu tric a’ fuireach air a’ bhlàr a-muigh.
Bha dithis fhamhairean òga anns an Dùn Dearg air an robh Eachain agus Achan. Latha a bha seo, dh’fhalbh Eachain agus Achan a-mach air chuairt. Cha robh
taigh anns an eilean a bha mòr gu leòr dhaibh agus, mar sin, dh’fhuirich iad air a’ bhlàr a-muigh. Bha iad a’ còcaireachd a-muigh cuideachd. Agus tha
colbhan cloiche ann an Sniothasort far an do chuir iad an coire, le teine fodha, nuair a bha iad a’ còcaireachd. Tha na colbhan seo aithnichte mar
‘Sorchain Coire Fhinn’. Tha sin a’ ciallachadh nan colbhan a bha a’ cumail a’ choire aig Fionn os cionn an teine.
Bha muinntir an àite mì-thoilichte leis na famhairean. Bha iad a’ glacadh cus èisg agus a’ sealg cus fhiadh. Chuir an sluagh romhpa na famhairean a
mharbhadh le bhith a’ sadail chlachan orra. Air sgàth sin, theich Eachain agus Achan.
Chaidh iad gu caolas eadar an t-eilean agus tìr-mòr. Bha a’ mhuir na bu doimhne na bha dùil. Agus bha iad air am bàthadh. Thug iad na h-ainmean aca don
chaolas sin – Caol Acain – an t-ainm a th’ air fhathast.