FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sgrios Àird na Riadh (1)

Cò bh’ ann an Richard Bingham agus carson a bha

Audio is playing in pop-over.

Sgrios Àird na Riadh (1)

Cò bh’ ann an Richard Bingham agus carson a bha gràin aig Gàidheil na h-Alba air? Ma chuireas sibh ‘Richard Bingham’ ann an inneal-lorgaidh air an eadar-lìon, gheibh sibh a-mach gur e sin an t-ainm a bh’ air a’ Mhorair Lucan. Richard John Bingham. Sin am fear a theich ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a ceithir (1974), às dèidh dha boireannach a mhurt agus a bhean a dhochann. Chan fhacas tuilleadh e le cinnt, ged a bha mòran ag ràdh gum fac’ iad e ann an Astràilia agus dùthchannan eile thall thairis.

Tuigidh sibh nach e sin an Richard Bingham a tha mi a’ ciallachadh, ged nach can mi le cinnt nach robh an dithis càirdeach do chèile. Tha mis’ a’ smaoineachadh air an Richard Bingham a rugadh ann an còig ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1528). ’S e Sasannach a bh’ ann, ach choisinn e a chliù, chanadh mòran fìor dhroch chliù, ann an Èirinn. Bha e gu mòr an sàs ann an ceannsachadh na h-Èireann nuair a bha Ealasaid na Banrigh ann an Lunnainn.

Bha Bingham air a bhith a’ sabaid ann an grunn àiteachan air feadh na Roinn Eòrpa. Ann an còig ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1584), chaidh a chur a dh’Èirinn mar riaghladair Chonnacht. Bha e air a dhèanamh na ridire ann am Baile Atha Cliath anns an dearbh bhliadhna.

Cha robh cùisean sìtheil ann an Connacht, ge-tà. Bha ar-a-mach ann, leis na cinnidhean Gàidhealach a’ strì an aghaidh nan Sasannach. Bha Bingham an sàs gu mòr ann a bhith a’ ceannsachadh an ar-a-mach. Anns an t-Sultain còig ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1588), bha e fhathast na riaghladair. ’S ann an uair sin a sgap Cabhlach Mòr nan Spàinnteach a bh’ air a bhith a’ dèanamh air costa deas Shasainn. Chaidh na soithichean aca timcheall uisgeachan an iar Bhreatainn is na h-Èireann.

Dh’òrdaich Bingham gum biodh a h-uile saighdear is maraiche Spàinnteach a nochdadh air cladach Chonnacht air a thoirt a Ghaillimh, agus gum biodh iad air an cùr gu bàs an sin. Chaidh grunn soithichean air na creagan agus thathar ag ràdh gun deach na ceudan de Spàinntich a thoirt a Ghaillimh, far an robh iad air an cur gu bàs. Rinn bràthair Richard, Seòras Bingham, an dearbh rud ann an Contae Shligeach far an robh e na shiorram. Bha adhbharan gu leòr aig na Spàinntich gràin a bhith aca air na Binghams.

Lean an t-sabaid eadar na Gàidheil Èireannach, a bha a’ dìon an dùthcha, agus na Sasannaich, a bha ag amas air a gabhail thairis. Chaochail Richard Bingham mus robh Cath Chinn t-Saile ann – cath a thug an aon seòrsa buaidh air na Gàidheil Èireannach ’s a thug Blàr Chùil Lodair air na Gàidheil Albannach.

Ach bha Richard Bingham an sàs ann am blàr an aghaidh Gàidheil Albannach a dh’fhàg an t-uabhas dhiubh marbh. Chan e gun robh e a’ sabaid ann an Alba. Thachair am batail ann an Èirinn nuair a bha Bingham na riaghladair air Connacht ann an còig ceud deug, ochdad ’s a sia (1586). Thathar ag ràdh gun robh còrr is dà mhìle Albannach air am marbhadh air an aon latha – timcheall air mìle gu leth fear, agus mnathan is clann aig feadhainn aca. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mun ghnothach anns an ath Litir.

Litir 745 Litir 745 Litir 747 Litir 747

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!