Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mun chaibideil mu dheireadh ann an Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Bha feadhainn a bha
a’ feuchainn ris an t-Sàbaid a ghleidheadh a’ seasamh an aghaidh feadhainn eile a bha a’ feuchainn ri iasg a chur gu margaidh Didòmhnaich. Agus an dèidh
suidheachadh aimhreiteach an t-seachdain roimhe, bha ceud gu leth poileas a’ feitheamh riutha air cidhe an t-Sròim.
Bhathar a’ cur ri
feachd a’ phoilis cuideachd le bhith a’ buileachadh inbhe chonstabalan sònraichte air luchd-obrach na rèile. Bha bàta-smùide air tighinn a-steach don
chidhe, agus bhathar a’ cur carago de sgadan air tìr. Bha a h-uile coltas ann gum biodh obair de a leithid a’ leantainn seachad air meadhan-oidhche.
Thàinig cuid de mhuinntir an àite. Agus nochd ministear às a’ Chomraich, Mgr Dòmhnallach. Bha esan a’ feuchainn ri toirt air na daoine a dhol dhachaigh.
Fhad ’s a bha iad a’ meòrachadh air na dhèanadh iad, bha barrachd is barrachd de mhuinntir an àite a’ nochdadh. Aig leth-uair an dèidh aon uair deug, bha
mu cheud gu leth duine ann. Bha an t-eagal ann gun robh aimhreit fada na bu mhiosa gu bhith ann na bh’ ann an t-seachdain roimhe nuair nach robh an làthair
ach ochdnar phoileas.
Mu dheireadh ghabh muinntir an àite ri comhairle Mhgr Dhòmhnallaich agus chaidh iad dhachaigh goirid ro mheadhan-oidhche. Bha a h-uile duine air aontachadh
gum biodh coinneamh mhòr aca aig Taigh-òsta an Stèisein oidhche Chiadain airson bruidhinn mu cheist obair na rèile air an t-Sàbaid.
Dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na poilis, ach dh’fhuirich naoinear ann am Port an t-Sròim. Agus madainn Diluain thòisich iadsan air a dhol timcheall le
barantais airson deichnear a chur an grèim airson a bhith ri aimhreit an t-seachdain roimhe. Cha robh duilgheadas aca grèim fhaighinn air a’ chuid mhòir
dhiubh. Ach bha e doirbh dhaibh aon duine à Àird an Fheusgain a lorg, oir thilg boireannaich anns a’ bhaile clachan orra nuair a thàinig air a thòir.
Bha cùis-chùirte ann agus fhuair an deichnear ceithir mìosan sa phrìosan. Bha mòran dhen bheachd gun robh sin ro chruaidh. Chuireadh athchuingean gu
Rùnaire na Dùthcha. Chaidh na binnean a lughdachadh gu dà mhìos sa phrìosan.
Nochd dà cheud gu leth duine airson na coinneimh phoblaich Diciadain. B’ fheudar a cumail a-muigh oir cha robh togalach ann a bha mòr gu leòr. Dh’aontaich
a’ choinneamh gun robh fòirneart ceàrr agus gun robh briseadh na Sàbaid ceàrr. Ach bha daoine mothachail gun robh lagh na dùthcha air taobh na feadhainn a
bha a’ cleachdadh na loidhne-rèile air an t-Sàbaid.
Bha an t-uachdaran, Sir Alasdair MacMhathain, leis an robh fearann mòr agus Caisteal Dhùn na Creige, an aghaidh an luchd-iomairt. Dh’iarr
e air na bàillidhean aige na leabhraichean a thoirt do dhuine sam bith de luchd na h-aimhreit a bha ag obair dha. Ach bha tòrr taic aig an fheadhainn sin
anns a’ choimhearsnachd. Fhuair a h-uile duine dhen deichnear a chaidh don phrìosan duais airgid bho mhuinntir an àite nuair a fhuair iad a-mach. Ach b’ e
sin e airson aimhreit anns an t-Sròm mu bhriseadh na Sàbaid.