FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sgrios Àird na Riadh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sir Richard Bingham. Bha

Audio is playing in pop-over.

Sgrios Àird na Riadh (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sir Richard Bingham. Bha e na riaghladair aig Banrigh Ealasaid Shasainn ann an Connacht, ann an taobh an iar na h-Èireann, anns an t-siathamh linn deug. Bha e a’ sabaid as leth na Banrigh anns na cogaidhean ris an canar ‘Cogaidhean Ealasaid’. Agus bha e os cionn feachd ann an Èirinn nuair a chaidh sgrios mhòr a dhèanamh air armailt Albannach. Thachair e aig Àird na Riadh ann an Contae Mhaigh Eò anns a’ bhliadhna còig ceud deug, ochdad ’s a sia (1586).

Thàinig sluagh mòr Albannach gu tìr ann an Loch Feabhail ann an Innis Eòghainn, ann an ceann a tuath na h-Èireann. ’S e Gàidheil a bh’ annta, agus bha iad ann airson taic a thoirt do na co-Ghàidheil aca a bha a’ strì an aghaidh nan Sasannach ann an Connacht. Ach thog iad creach ann an Innis Eòghainn agus cha robh na daoine an sin measail orra.

’S e muinntir Chloinn Dòmhnaill a bha sa chuid mhòir aca. Nam measg bha uaislean a’ chinnidh, agus Dòmhnall Gorm am fear a b’ ainmeile dhiubh. B’ esan mac Sheumais nan Ruaig à Ìle. Bha Dòmhnall gu bhith a’ call a bheatha ann an Èirinn.

Ghluais na h-Albannaich gu deas agus cha b’ fhada gus an cuala na h-ùghdarrasan riaghlaidh mun deidhinn. Chuir Richard Bingham luchd-brathaidh a-mach airson sùil a chumail air an armailt. Bha làn-fhios aige cà’ robh iad, agus an t-slighe aca.

Ràinig na Dòmhnallaich Àird na Riadh ann an Contae Mhaigh Eò. Bha sin mu choinneimh Beul an Àtha air Abhainn Muaidhe. Rinn iad campa an sin.

Bha na Sasannaich deiseil air an son. Ach cha robh fios aig na h-Albannaich gun robh feachd aig Bingham anns an nàbachd. An ath mhadainn thug na Sasannaich ionnsaigh chruaidh air na Dòmhnallaich, gan iomain air ais don abhainn. Bha mòran dhiubh air am bàthadh. Bha mòran eile air am marbhadh.

Bha Bingham gu math moiteil às a’ ghnothach. Sgrìobh e gun deach a’ mhòr mhòr-chuid de na h-Albannaich a mharbhadh ’s nach d’ fhuair às lem beatha ach nas lugha na ceud duine. Sgrìobh e air an latha sin do na ceannardan Sasannach ann am Baile Atha Cliath: ‘An uiread de na saighdearan aca a chaidh a mharbhadh is a bhàthadh air an latha sin, rinn sinn tomhas is cunntas orra gun robh ceithir ceud deug no còig ceud deug, a bharrachd air gillean, boireannaich, sgalagan agus clann…’

Tha e doirbh a bhith cinnteach cia mheud a chaill am beatha. ’S dòcha gun robh Bingham ri bòstadh agus gun do mheudaich e an àireamh. Ach tha cuid de luchd-eachdraidh air tomhas gum b’ e àireamh nam marbh dà mhìle is trì cheud. ’S dòcha gun robh e a cheart cho fuilteach ri Blàr Chùil Lodair, air a bheil sinn uile cho eòlach.

A bharrachd air Sir Richard Bingham fhèin, sgrìobh fear de na h-oifigearan aige mu dheidhinn. B’ esan an Caiptean Tòmas Woodhouse. Sgrìobh e gun do lorgadh poca litrichean às dèidh a’ bhatail. Am measg nan litrichean, bha tè a bha a’ dearbhadh gun deach mìle is sia ceud Albannach air tìr ann an Loch Feabhail. ’S e glè glè bheag dhiubh a chunnaic Alba a-rithist.

Litir 746 Litir 746 Litir 748 Litir 748

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!