Bha mi ag innse dhuibh mu Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883). Dh’fheuch ministear às Na Hearadh ris an sluagh a shocrachadh.
Ach bha na daoine a’ bagairt air, ag ràdh nach robh e eòlach air a’ Bhìoball.
Bha na h-ùghdarrasan a’ beachdachadh air na dhèanadh iad. Bha taghadh aca – tuilleadh phoileas a chur ann, no eadhon saighdearan, no
leigeil leis a’ ghnothach a shocrachadh leis fhèin, nuair a thigeadh an t-Sàbaid gu ceann. Cho-dhùin iad leigeil le gnothaichean a shocrachadh. Bha
seirbheis ga cumail air a’ chidhe, agus èildear bhon Eaglais Shaoir ag ceann an adhraidh. Mar a shaoileadh tu, b’ e ‘Gleidheadh na Sàbaid’ an ceann-teagaisg aige.
Dh’fhalbh an t-Àrd-chonstabal le ceathrar phoileas air ais a dh’Inbhir Nis, a’ fàgail triùir phoileas airson sùil a chumail air an àite. Bhathar an dùil
gun tòisicheadh an obair a-rithist aig meadhan-oidhche is gum falbhadh an luchd-iomairt an uair sin. Agus ’s e sin a thachair. Aig meadhan-oidhche,
dh’fhalbh an luchd-iomairt, thòisich an obair air na bogsaichean èisg a chur air an trèana, agus bha Port an t-Sròim sìtheil a-rithist.
Ach cha robh an gnothach seachad. Nuair a thàinig Dihaoine bha e follaiseach gum biodh an luchd-obrach a’ briseadh na Sàbaid a-rithist. Bha e a cheart cho
follaiseach gum biodh mòran anns a’ choimhearsnachd a’ feuchainn ri stad a chur orra.
Cha robh an Eaglais Shaor buileach aonaichte air a’ ghnothach. Nuair a bha an aimhreit ann, bha na ministearan air falbh aig an Àrd-sheanadh ann an Dùn
Èideann. Nuair a chuala iad mun aimhreit, thill iad sa bhad, feuch toirt air na coitheanalan aca gun a bhith an sàs anns an iomairt tuilleadh.
Fhad ’s a bha seo a’ dol air adhart, bha an Riaghaltas a’ dèanamh deiseil airson tuilleadh aimhreit air an t-Sàbaid. Cha robh ach trithead ’s a sia daoine
anns an fheachd-phoilis agus dh’iarr Companaidh Rèile na Gàidhealtachd air an Riaghaltas saighdearan a chur an sàs. Chaidh a’ chùis cho fada ri deasg
Rùnaire na Dùthcha ann an Lunnainn.
Bha an Riaghaltas airson a bhith a’ seachnadh saighdearan a chur an sàs. Chuir iad feachd poilis ri chèile anns an robh cha mhòr ceud gu leth duine.
Thàinig iad à mòran sgìrean de dh’Alba.
A bharrachd air sin, dh’fhàg ochdad saighdear aig Rèisimeid nan Gòrdanach Caisteal Dhùn Èideann, agus chaidh iad a Dhùn Deòrsa sear air Inbhir Nis. Bha
feadhainn an sin mu-thràth aig na Camshronaich. Bha sin a’ fàgail gun robh saighdearan gu leòr air a’ Ghàidhealtachd, deiseil airson a dhol don taobh an
iar nam biodh feum orra.
An turas seo, bha ro-innleachd èifeachdach aig na poilis. Bha iad airson smachd a ghabhail air gnothaichean mus biodh cothrom aig muinntir an àite
cruinneachadh ann an àireamh mhòr. Aig naoi uairean feasgar Disathairne, thàinig trèana a-steach don t-Sròm leis na poilis air bòrd. Ghabh iad smachd air
a’ chidhe. Cha robh an luchd-iomairt air nochdadh fhathast.
Ach bha feadhainn a’ dèanamh air an t-Sròm – air chois agus ann an eathraichean. Dè dhèanadh iad nuair a ruigeadh iad an cidhe, agus na poilis a’ feitheamh
riutha? An robh Aimhreit an t-Sròim gu bhith a’ fàs na bu mhiosa no an robh i a’ dol a thighinn gu ceann? Cuiridh mi crìoch air an eachdraidh
an-ath-sheachdain.