Bha mi ag innse dhuibh mun SS Ferret a bha uaireigin a’ frithealadh nan eilean à Port an t-Sròim ann an Ros an Iar. Bha am Ferret ann an Astràilia nuair a
bha tachartas aig an t-Sròm a chuir am baile beag sìtheil sin air aire muinntir Bhreatainn. Airson greis, cha robh an t-àite buileach cho sìtheil. Tha mi
airson innse dhuibh mu Aimhreit an t-Sròim ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a trì (1883).
Bhiodh iasg gu leòr a’ tighinn bho iasgairean an taobh an iar do na trèanaichean anns an t-Sròm. Bhiodh sin a’ tachairt a h-uile latha san t-seachdain,
eadhon air an t-Sàbaid. Rinn muinntir na h-Eaglaise Saoire gu h-ionadail gu math soilleir nach robh iad toilichte mun chùis.
Chaidh aontachadh gum biodh na bàtaichean-smùide a’ ruigsinn an t-Sròim tràth gu leòr Disathairne ’s gum biodh a h-uile rud air bòrd nan trèanaichean ro
mheadhan-oidhche. Gu mì-fhortanach, air sàillibh droch shìde is ghnothaichean eile, cha robh sin a’ tachairt fad na h-ùine.
Thàinig gnothaichean gu ceann air Disathairne an dàrna latha dhen Ògmhios. Mu mheadhan-oidhche bha bàta aig a’ chidhe agus bha na maraichean is
luchd-obrach na rèile a’ feuchainn ris an stuth a thoirt aiste. Ach bha daoine a’ cur stad orra. Bha maidean aig feadhainn dhen luchd-iomairt.
Chaidh an crann a bha a’ togail nam bogsaichean a bhriseadh. Ach bhathar fhathast a’ falamhachadh a’ bhàta. Bha tòrr bhogsaichean ann, agus iad làn sgadan.
Aig uair sa mhadainn, thàinig dàrna bàta a-steach, làn èisg. Bha còrr is ceud neach-iomairt ann a-nise.
Dh’fheuch an luchd-obrach ri mìneachadh do mhuinntir na h-Eaglaise gun robh an carago luachmhor agus gun robh e mar dhleastanas orra a bhith a’
falamhachadh nam bàtaichean. Ach thuirt an luchd-iomairt gun robhar a’ briseadh lagh Dhè. Ghèill an luchd-obrach agus sguir an obair.
Bha manaidsear an stèisein air fios a chur a dh’Inbhir Nis mun t-suidheachadh. Aig aon uair deug sa mhadainn, air an t-Sàbaid, thàinig seachdnar phoileas air trèana a bh’ air a chur air dòigh dhaibh gu sònraichte. Nam measg bha an t-Àrd-chonstabal airson Siorrachd Rois,
Dòmhnall Rothach. Cha do chòrd an gnothach ùr seo ris an luchd-iomairt idir. Bha timcheall air ceud gu leth aca air a’ chidhe agus dhiùlt iad falbh.
Ged nach robh an sguad poilis uabhasach mòr, thug Dòmhnall Rothach òrdugh dhaibh leum a-staigh am measg an luchd-iomairt airson an iomain far a’ chidhe.
Dh’fheuch iad sin sia tursan. Dh’fhuiling an dà thaobh buillean cruaidh. Bha feadhainn air an goirteachadh. Ach, a dh’aindeoin sin, cha robh taobh seach
taobh deònach gèilleadh.
Bha ministear aig an Eaglais Shaoir, a bhuineadh do Na Hearadh, a’ fuireach anns an Taigh-òsta ann am Port an t-Sròim. Leis gun robh Gàidhlig aige,
thabhann e a thaic do na poilis, feuch an gnothach a rèiteach gun tuilleadh aimhreit.
Chaidh e a-mach a bhruidhinn ris an luchd-iomairt agus dh’iarr e orra leigeil le luchd-obrach na rèile tilleadh don obair aca. An robh e soirbheachail?
Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.