Bha mi ann am Flòdaigearraidh anns an Eilean Sgitheanach o chionn ghoirid. ’S e àite brèagha a th’ ann, anns an Taobh Sear ann an ceann a tuath an eilein.
Bha mi fhìn is feadhainn eile air a’ chladach air latha teth grianach cuide ri Dùghall Ros, a bhuineas don sgìre.
Tha Dùghall na eòlaiche air fosailean. Tha e air mòran dhiubh a lorg thar nam bliadhnaichean, a’ coisinn cliù nàiseanta dha fhèin. Tha taigh-tasgaidh aige,
anns a bheil mòran rudan iongantach air an taisbeanadh – cnàmhan dìneasair nam measg.
‘Tha ammonite am broinn na cloiche seo,’ thuirt Dùghall rium, agus e a’ comharrachadh loidhnichean beaga geala air uachdar na cloiche a bha na
làimh. Bha mi rudeigin amharasach oir cha robh mi fhìn a’ faicinn dad a bha gu follaiseach a’ buntainn ri ainmhidh àrsaidh.
Ach bha Dùghall ceart. Le òrd is sgeilb, bhris e a’ chlach agus – mar a bha e air innse – bha fosail brèagha gleansach ann de dh’ammonite. Bha e mar a
bhith a’ fosgladh seann chiste robach, agus a’ lorg bhràistean òir na broinn!
Cha b’ fhada gus an robh a’ mhuir a’ lìonadh agus a’ sìor chòmhdachadh a’ chladaich. Bha obair nam fosailean seachad. Bha an gille agam,
Calum, cuide rinn. Thuirt e gun robh e ag iarraidh falbh a-mach don eilean mu ar coinneimh. Air na mapaichean ’s e Eilean Flodigarry a th’ air mar ainm.
Ach an fheadhainn a bhuineas don àite aig a bheil Gàidhlig – agus sin a’ chuid mhòr fhathast – canaidh iadsan Eilean a’ Chinn Mhòir ris. Tha creag àrd chas
aig ceann an ear an eilein – ’s e sin an Ceann Mòr. Air an taobh an iar, mu choinneimh Fhlòdaigearraidh fhèin, chan eil cladach an eilein ro chas idir.
Tuigidh sibh nach robh bàta de sheòrsa sam bith aig Calum. B’ e snàmh a bha fa-near dha. Le deise-fhliuch, bha e dhen bheachd gun dèanadh e an gnothach,
ged a chosgadh e beagan ùine. ’S toigh leis a bhith a’ snàmh a-muigh – ann an lochan, aibhnichean no muir.
Dh’aontaich mise fuireach air a’ chladach air a shon, agus sùil a chumail air le prosbaig. ‘Ma ruigeas tu letheach-slighe, agus tu a’ fàs sgìth,’ thuirt mi
ris, ‘tionndaidh agus till an seo.’ Dh’aontaich e gun dèanadh e sin.
Dh’fhalbh e a shnàmh agus bha e a’ dèanamh na cùise glè mhath. Chunnaic mi sgarbh, ròn agus farspag a’ dol faisg air, agus a’ toirt sùil air. Bha mi
dìreach an dòchas nach robh madaidhean-cuain anns an nàbachd. An latha roimhe, chunnaic sinn muc-mhara a-mach bho Stafainn. Ach saoilidh mi gur e an seòrsa
a bh’ ann ris an canar ‘miongaidh’.
Gu letheach-slighe, bha Calum a’ dèanamh gu math. An uair sin thòisich e air a dhol air fiaradh leis an t-sruth-mhara. An àite an t-eilean
a ruigsinn mu mo choinneimh, bha e air a dhol gu deas mu thrì cheud slat. Ach co-dhiù, rinn e a’ chùis, agus thill e gu sàbhailte cuideachd.
Nuair a bha e air ais cuide rium air talamh tioram, chuir mi meal a naidheachd air, agus dh’fhaighnich mi an robh fios aige mun fhear a bhiodh a’ snàmh a’
chaolais sin gu tric anns an t-seann aimsir. Cha robh fios aige, agus dh’inns mi dha an stòiridh mu Ailean agus Màiri. Innsidh mi dhuibh fhèin e
an-ath-sheachdain.