FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Loch Cuithir agus a’ Chailc

Loch Cuithir. A bheil sibh eòlach air? Tha e anns

Audio is playing in pop-over.

Loch Cuithir agus a’ Chailc

Loch Cuithir. A bheil sibh eòlach air? Tha e anns an Taobh Sear, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha e faisg air baile croitearachd air a bheil An Leth-allt. Tha an loch suidhichte fo thè de na beanntan as drùidhtiche anns an eilean, taobh a-muigh a’ Chuilthinn, co-dhiù. Is ise Sgùrr a’ Mhadaidh Ruaidh.

Tha Loch Cuithir gu math sìtheil, agus bha mi ann o chionn ghoirid air feasgar brèagha samhraidh. Cha chluinnear ri taobh an locha ach bìogail a’ bhrù-ghil agus mèilich nan caorach. ’S e àite math a th’ ann do dhuine a tha a’ lorg sìth is sàmhchair.

Ach cha robh Loch Cuithir riamh cho sàmhach sin. Bha gnìomhachas tionnsgalach ann aig aon àm, a bha a’ toirt obair do mhuinntir an àite. B’ e sin Gnìomhachas na Cailc.

Ged a tha cailc a’ seasamh ann an Gàidhlig airson chalk, cha b’ e cailc dhen t-seòrsa sin a bh’ ann, ach stuth ris an canar diatomite. Tha e a’ tighinn bho shligean dhà-dhadaman, diatoms, a bha beò o chionn mìltean bhliadhnaichean. ’S e dà-dhadam lus beag bìodach – meanbh-bheò, gu dearbh – a tha beò ann an uisge.

Nuair a gheibh iad bàs, bidh an sligean air an càrnadh air a’ ghrunnd. Tro thìde bidh iad air am fàsgadh ri chèile agus nì iad clach bhog bhàn. Faodar a’ chlach seo a dhèanamh na fùdar. Tha i làn silica agus, mar sin, gu math feumail do mhac-an-duine. Bhathar ga cleachdadh, mar eisimpleir, airson sìolachadh, airson uisge a shùghadh agus airson bacadh a chur air call teas.

Bha a’ chailc ann an leapannan fo thrì troighean de mhòine. Agus cha robh an loch cho mòr ’s a tha e an-diugh. Bha mòran dheth air a chòmhdachadh le còinneach. Bha an t-àite fliuch, agus b’ fheudar pumpaichean a chur an sàs fad na h-ùine. Bha a’ chailc fhèin gu math fliuch. Mar sin, thogadh sabhal faisg air an loch far an robh i air a tiormachadh gu ìre. Thòisich an gnìomhachas anns a’ bhliadhna mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug (1899).

Tha trì mìle de mhòinteach ann eadar Loch Cuithir agus an cladach aig Inbhir Tobhta. Airson a’ chailc a thoirt don chladach, thogadh rathad-iarainn. Agus shìos air a’ chladach bha ionad-ròstaidh ann, far an robh a’ chailc air a tiormachadh buileach agus air a bleith. Anns an ròstadh, bha na criomagan luibhean am measg na cailc air an losgadh.

Bhiodh a’ chailc a’ falbh a-mach gu long ann an eathraichean. Air làithean mar sin, bha suas ri ochdad duine a’ faighinn cosnadh, eadar luchd na cailc agus luchd nam bàtaichean. Bha suas ri caogad ag obair aig an Leth-allt fhèin.

Thàinig an gnìomhachas gu ceann aig toiseach a’ chiad chogaidh. Ach thòisich e às ùr anns na caogadan. Chaidh rathad a thogail don loch. Thogadh factaraidh ùr ann an Ùig, air taobh thall Thròndairnis. Bha làraidhean a’ toirt cailc fhliuch eadar Loch Cuithir agus Ùig. Tha feadhainn dhen bheachd gur e sin a chuir às don ghnothach aig toiseach nan seasgadan.

Faodar leughadh mun ghnìomhachas anns an leabhar Ghàidhlig ‘A’ Chailc’ le Richard Deveria. ’S e caibideil inntinneach a th’ ann, ann an eachdraidh mhòr ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Litir 733 Litir 733 Litir 735 Litir 735

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!