FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun

Audio is playing in pop-over.

Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir (2)

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chaolas a shnàmh an gille agam eadar Flòdaigearraidh agus Eilean a’ Chinn Mhòir. Thug e leth-uair a thìde dha gach rathad oir bha e a’ dol air fiaradh leis an t-sruth-mhara. Bha e doirbh gu leòr ann an solas an latha, le aimsir mhath agus deise-fhliuch air. Ach ciamar a bhitheadh e air an oidhche ann an droch shìde gun deise sam bith airson cumail blàth?

A rèir beul-aithris, anns an t-seann aimsir, bhiodh fear òg a’ snàmh a’ chaolais sin a h-uile oidhche airson a leannan fhaicinn. Seo an stòiridh.

Bha Iain Ruadh a’ fuireach anns an eilean. Bha e na bhanntrach. Bha a nighean Màiri a’ fuireach còmhla ris agus a’ cumail an taighe dha. Cha robh Iain idir airson ’s gum falbhadh Màiri gu àite sam bith eile.

Bha fios aig Iain gun robh nòisean aig Màiri do dh’fhear òg ann am Flòdaigearraidh, air an robh Ailean mar ainm. Chuir Iain stad air Màiri bho bhith a’ faicinn Ailean. Agus thuirt e, nam biodh i ag iarraidh pòsadh, nach fhaigheadh i tochradh sam bith bhuaithe. Chan fhaigheadh i eadhon laogh, ach a-mhàin nam biodh e corc-chluasach.

Nam biodh e corc-chluasach – le cluasan goirid – bhiodh sin a’ ciallachadh gun robh e air a ghineadh do tharbh-uisge. Bhiodh laogh mar sin a’ dèanamh cron mòr air an treud cruidh.

Mar a thachair e, thòisich tarbh-uisge air tadhal air Flòdaigearraidh mun àm sin. Bha e a’ dèanamh sgrios air a’ bhàrr air an oidhche ach cha robh duine treun gu leòr airson stad a chur air.

Leis nach robh cead aig Ailean a bhith a’ tadhal air Màiri, bhiodh e a’ snàmh a-null don eilean gach oidhche. Bhiodh Màiri a’ coinneachadh ris gu dìomhair air a’ chladach.

Oidhche bha seo, bha i air a’ chladach a’ feitheamh nuair a chuala i guth fann. Bha Ailean a’ tighinn gu tìr ann am fìor dhroch staid. Bha e claoidhte.

Nuair a fhuair e anail, dh’inns e do Mhàiri mar a chuala e fuaim mòr faisg air, agus e letheach-slighe don eilean. Bha biast mhòr a’ srannartaich. Chuir e eagal a bheatha air Ailean. Bha e cinnteach gur e an tarbh-uisge a bh’ ann.

Bha an t-eagal air Màiri nach robh e sàbhailte do dh’Ailean a bhith a’ snàmh don eilean tuilleadh. Dh’aontaich i, nam faigheadh Ailean bàta an ath oidhche, gun teicheadh i còmhla ris.

Thill Ailean an ath oidhche ann an eathar. Nuair a bha e letheach-slighe, chuala e srannartaich mhòr a-rithist. Chaidh ceann mòr dubh seachad air a’ bhàta. Ach chan e tarbh-uisge a bh’ ann. ’S e a bh’ ann an tarbh mòr dubh aig Iain Ruadh. Bhiodh e a’ snàmh a-null oir bha feurachadh na b’ fheàrr ann am Flòdaigearraidh na bha anns an eilean.

Roghnaich Ailean gun a bhith ag innse na fìrinn do Mhàiri. Bha an t-eagal air nach fhalbhadh i leis, nam biodh fios aice nach e tarbh-uisge a bh’ ann. Chùm e sàmhach. Theich an cupall agus rinn iad air Astràilia.

’S ann dìreach bliadhnaichean às dèidh làimh, nuair a bha Màiri is Ailean air tilleadh bho Astràilia, a dh’inns Ailean an fhìrinn do a bhean. Dh’inns e dhi gur e an tarbh dubh aig a h-athair, seach an tarbh-uisge, a thug orra teicheadh gu ceann thall an t-saoghail.

Litir 735 Litir 735 Litir 737 Litir 737

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!