Bliadhna no dhà air ais, fhuair mi post-d bho dhuine as aithne dhomh ann an Sasainn. Tha fìor dheagh Ghàidhlig aige. Sgrìobh e gun robh e dìreach air a
bhith ann an Àth nan Damh. Mheòraich mi greis air an ainm-àite. Àth nan Damh. An uair sin, thàinig e thugam – ‘the ford of the oxen’ no Oxford.
Uill, tha mi a’ fàs cleachdte ris an ainm, mean air mhean. Cha chreid mi, ge-tà, gum biodh Drochaid Cham a’ dèanamh a’ ghnothaich cho math airson
‘Cambridge’!
Co-dhiù, tha ceist agam dhuibh. Dè an ceangal a th’ ann eadar a’ Ghàidhlig, seann abaid ann an ceann a deas na h-Alba, colaiste oilthigh ann an Àth nan
Damh, agus fear a bha na Rìgh Albannach airson ceithir bliadhna? Na gabhaibh dragh – tha sibh fhathast ag èisteachd ri Litir do Luchd-ionnsachaidh
, seach Round Britain Quiz ann an Gàidhlig! Bheir mi am fuasgladh dhuibh – Diorbhail. Boireannach air an robh Diorbhail mar ainm.
B’ e Diorbhail Baintighearna Ghall-Ghàidhealaibh anns an treas linn deug. Ann am Beurla, ’s e Devorgilla an t-ainm a bh’ oirre. Ach ’s e sin dreach Laidinn
air an ainm Ghàidhlig Dearbhfhorghaill. Tha mi an dùil gur e Diorbhail an dreach Gàidhlig a th’ againn air an ainm sin anns an latha an-diugh.
Bha Diorbhail na nighinn aig Ailean, Tighearna Ghall-Ghàidhealaibh. Bha mi a’ bruidhinn ri fear-eachdraidh anns an sgìre sin an-uiridh, agus dh’inns esan
dhomh gum biodh Gàidhlig gu cinnteach aig Diorbhail agus a h-athair. Nuair a bha i trì bliadhn’ deug a dh’aois, phòs i Iain, còigeamh baran Bhalliol, aig
an robh fearann mòr ann an ceann a tuath Shasainn. Bha Iain na chomhairleach aig Rìgh Shasainn.
Ann an dà cheud deug, seasgad ’s a trì (1263), bha Balliol an sàs ann an connspaid mu fhearann le Easbaig Dhurham. Chaidh a’ chùis an aghaidh Bhalliol agus
chaidh iarraidh air, mar pheanas, colaiste a stèidheachadh ann an Oilthigh Àth nan Damh airson nan daoine bochda. Còig bliadhna an dèidh sin, chaochail
Balliol. Ach lean a bhanntrach, Diorbhail, le bhith a’ cur airgead ris a’ cholaiste airson ’s gum biodh i seasmhach. Tha Balliol College ann chun an latha
an-diugh.
Ach dè mu dheidhinn na seann abaid agus an Rìgh Albannach? Uill, ann an da cheud deug, seachdad ’s a trì (1273), stèidhich Diorbhail abaid mar
chuimhneachan air an duine aice. Bhon a chaochail e, bha ise air a bhith a’ giùlan a chridhe spìosraichte cuide rithe fad na h-ùine. Bha e
ann an ciste bheag ìbhri.
Nuair a chaochail ise ann an dà cheud deug is naochad (1290), bha a’ chiste air a tiodhlacadh ri a taobh. Mar chomharra air a’ ghaol a bh’ aice air an
duine aic’, ghabh na manaich Dulce Cor no ‘Sweetheart’ air an abaid. Sweetheart Abbey. ’S e togalach drùidhteach a th’ ann a dh’fhuiling
an dèidh an Ath-leasachaidh. Ach tha e brèagha mar thobhta.
Cha robh Diorbhail beò fada gu leòr airson faicinn mar a chaidh inbhe Rìgh na h-Alba a bhuileachadh air a’ ghille aice, Iain. Bha e na Rìgh airson faisg
air ceithir bliadhna ach aig droch àm nuair a bha Rìgh Eideard Shasainn a’ feuchainn ri smachd a ghabhail air Alba. Ach, mar a thuirt am fear mòr, ’s e
sgeulachd airson latha eile a tha sin. Beannachd leibh.