Bha mi ag innse dhuibh mun bheul-aithris co-cheangailte ris a’ bhàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – gur e ceud-chasach a thug air an dàn
ainmeil Birlinn Chlann Raghnaill a sgrìobhadh. Bha e fo shlige bàta a bha bun-os-cionn ann an Canaigh.
Nuair a chuala mi an stòiridh sin, bha mi a’ faireachdainn na bu thoilichte mun togalach ann an Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba stèidhichte. ’S
e an t-ailtire Catalan, Enric Miralles nach maireann, a chruthaich am plana airson togalach na pàrlamaid.
’S iomadh rud a thug buaidh air Miralles nuair a thàinig e gu dealbhadh an togalaich – Suidhe Artair, a tha faisg air làimh, mar eisimpleir, agus beanntan
garbha na h-Alba. Cuideachd, rudan mar ‘Am Ministear a’ Spèileadh’, an dealbh ainmeil le Henry Raeburn, a th’ air a riochdachadh anns na pannalan ri taobh
nan uinneagan. Agus na bàtaichean bun-os-cionn a chithear air Eilean Lindisfarne. Tha iadsan air an riochdachadh ann am mullach pàirt dhen togalach.
Mmm. Bha sin riamh car annasach dhomh. Bha Miralles ag ràdh gum biodh an togalach a’ riochdachadh fèin-aithne muinntir na h-Alba, agus aiseirigh
phoilitigeach na dùthcha. Ach, aig an dearbh àm, thagh e ìomhaigh a bhuineadh do Shasainn, seach Alba.
Ceart gu leòr, bha ceanglaichean làidir ann uaireigin eadar Lindisfarne agus an Eaglais Cheilteach ann an Alba, gu sònraichte Eilean Ì. Ach nach robh gu
leòr de rudan ann an Alba fhèin a dh’obraicheadh air inntinn an ailtire, gun a bhith a’ dol a Shasainn airson ìomhaigh nan eathraichean bun-os-cionn, brèagha ’s ged a tha iad?
Ach, às dèidh dhomh an stòiridh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a chluinntinn, bha mi a’ faireachdainn na bu chofhurtaile leis an ìomhaigh sin. Gu
dearbh, tha ìomhaigh ùr agam a-nise nam cheann co-cheangailte ri togalach na pàrlamaid. Fon mhullach sin, a tha a’ coimhead coltach ri slige eathair, tha
sinne an-diugh mar a bha Mac Mhaighstir Alasdair an uair sin. Tha sinn a’ lìonadh ar n-inntinn le smuaintean cruthachail, dìreach mar a bha am bàrd nuair a
thòisich e air Birlinn Chlann Raghnaill a sgrìobhadh. Smuaintean Gàidhealach, gu dearbh! Tha mi an dòchas gun obraich sin gu maith buill na pàrlamaid!
Agus chan e dàn sam bith a chruthaich am bàrd fon bhàta, ach Birlinn Chlann Raghnaill – mòr-sgeul filidheach a tha a’ riochdachadh, a rèir cuid, na strì
aig na Gàidheil anns an ochdamh linn deug airson an neart is cumhachd fhaighinn air ais. An ann air fear-stiùiridh birlinn a-mhàin a bha Mac Mhaighstir
Alasdair a-mach anns na rainn seo, no a bheil e a’ meòrachadh air a’ cheannas a tha a dhìth air Alba, agus spiorad ar-a-mach nan Seumasach a’ sìor
lagachadh ann an cuimhne an t-sluaigh?
Suidheadh air stiùir trom-laoch leathann, neartmhor fuasgailt’, nach tilg bun no bàrr na sùmaid fairge bhuaithe. Clàranach taiceil, làn spionnaidh,
plocach, màsach, mìn-bheumanach, faicleach, furachail, làn nàistinn. Bunnsaidh, cudromach, garbh, socair, solta, lùthmhor, eirmseach, foighidneach, gun
ghrìobhag ri uchd tùilinn.
A bheil gin de ar ceannardan poilitigeach ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ freagradh nam faclan sin?! Tha Mac Mhaighstir Alasdair cuideachd a’ dèanamh
soilleir gur e an sgioba, ag obair còmhla, a thug an soitheach gu sàbhailteachd. Co-obrachadh. ’S dòcha gur e sin deagh ìomhaigh a bhith ann an sealladh
luchd-poilitigs na h-Alba nuair a tha iad fo mhullach nan sligean eathair.