FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Birlinn Chlann Raghnaill (1)

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh ainmean a th’

Audio is playing in pop-over.

Birlinn Chlann Raghnaill (1)

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh ainmean a th’ againn airson creutair air am bi sibh uile eòlach, ged nach eil e cumanta . Fiolan-fada, Gille-nan-corc, Ana-bhiorach, Mial-chòsach agus Iol-chasach. A bheil sibh eòlach air? Uill, seo ainmean eile airson an dearbh rud – Fiolan nan ceud cas agus Gobhlachan mòr nan ceud cas. Tuigidh sibh gur e an Ceud-chasach a th’ ann. Ann am Beurla – centipede.

Tha ceist agam dhuibh co-cheangailte ris a’ cheud-chasach. A rèir beul-aithris, thug ceud-chasach air fear de na bàird Ghàidhlig as ainmeile dàn ainmeil a sgrìobhadh. ’S i mo cheist – cò am bàrd agus dè an dàn?

Tha mi a’ dol a dh’innse beagan dhen dàn dhuibh. ’S dòcha gum bi fios aig feadhainn agaibh cò fear a th’ ann. Tha an earrann seo mu dheidhinn stoirm aig muir:

Nuair a thuiteamaid bho bhàrr nan àrd-thonn giobach, gur beag nach dochainneadh a sàil an t-aigeal sligneach. An fhairge ga maistreadh ’s ga sluistneadh roimh a chèile, gun robh ròin is mialan mòra ’m barrachd èiginn.

Anfhadh is confhadh na mara , is falbh na luinge, sradadh an eanchainnean geala feadh gach tuinne. Gach mion-iasg a bha san fhairge, tàrr-gheal tionndaidht’, le gluasad confhadh na gailbhinn, marbh gun chunntas.

A bheil fios agaibh dè an dàn a tha sin? Dè ach Birlinn Chlann Raghnaill le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Bha Alasdair, a bha beò eadar sia ceud deug, naochad ’s a còig (1695) agus seachd ceud deug is seachdad (1770), na bhàrd air leth. B’ e Birlinn Chlann Raghnaill fear de na dàin a b’ fheàrr aige. Bha e stèidhichte air turas mara ann am birlinn eadar Loch Aoineart ann an Uibhist a Deas agus Carraig Fhearghais ann an ceann a tuath na h-Èireann.

Bha Mac Mhaighstir Alasdair na bhàillidh aig Clann Raghnaill ann an Canaigh eadar seachd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1747) agus caogad ’s a dhà (1752). Thathar a’ smaoineachadh gun do thòisich e Birlinn Chlann Raghnaill ann an Canaigh ’s gun do chuir e crìoch air ann an Uibhist fichead bliadhna às dèidh sin.

A rèir beul-aithris, thòisich am bàrd air an dàn nuair a bha e na laighe anns an dorchadas fo bhata a bha bun-os-cionn ann an àite ris an canar Lag nam Boitean. Tha e coltach gur e cleachdadh cumanta a bh’ ann o shean. Seo na sgrìobh Màrtainn MacIlleMhàrtainn aig deireadh an t-seachdamh linn deug mu mar a bhiodh bàird Ghàidhlig a’ cruthachadh bàrdachd: They shut their Doors and Windows for a day’s time, and lie on their backs, with a Stone upon their Belly, and Plaids about their Heads, and their Eyes being cover’d, they pump their Brains for Rhetorical Encomium or Panegyrick…

Chan eil fhios agam an robh clach air brù Mhic Mhaighstir Alasdair nuair a bha e a’ cruthachadh Birlinn Chlann Raghnaill. Ach, a rèir beul-aithris, nuair a bha e na làighe fo shlige an eathair, thuit ceud-chasach far tobhta. Bha an creutair bun-os-cionn ann an glumag uisge, agus a’ dèanamh spàirn le chasan. Chuir sin ràimh birlinn ann an inntinn a’ bhàird, agus thòisich e air an dàn! Uill, chan eil mi cinnteach mu cho fìrinneach ’s a tha an sgeul, ach tha an ìomhaigh gam dhèanamh nas toilichte mu dheidhinn Pàrlamaid na h-Alba. Carson? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Litir 730 Litir 730 Litir 732 Litir 732

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!