FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seachdnar Chnòideirt (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheachdnar Chnòideirt, agus mar

Audio is playing in pop-over.

Seachdnar Chnòideirt (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Sheachdnar Chnòideirt, agus mar a rinn iad agairt air fearann ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1948), an aghaidh toil an uachdarain, am Morair Brocket. Bha airgead mòr aig Brocket, a bh’ air a bhith na bhall-pàrlamaid Tòraidheach, a’ riochdachadh pàirt de Liverpool, mus deach inbhe morair a bhuileachadh air anns na tritheadan. Bha droch chliù aige oir bha e taiceil do na Natsaich anns a’ Ghearmailt agus bha e na charaid do dh’Adolf Hitler. Chaidh e gu pàrtaidh airson an caogadamh ceann-bliadhna aig Hitler a chomharrachadh, agus bha e thall sa Ghearmailt airson Co-chruinneachadh mòr Nuremberg anns a’ bhliadhna trithead ’s a h-ochd (1938).

Deich bliadhna an dèidh Nuremberg bha Brocket a’ strì anns a’ chùirt an aghaidh feadhainn a bh’ air a bhith a’ sabaid an aghaidh Hitler – feadhainn a bhuineadh don oighreachd aige ann an Cnòideart. Agus cha robh na reudairean gun taic. Bha an sagairt, Mgr Cailean Mac a’ Phearsain, a bhuineadh do dh’Uibhist a Deas, gu math taiceil dhaibh. Agus bha an riaghaltas air aontachadh, aig àm a’ chogaidh, nach robh Brocket a’ dèanamh gu leòr leis an fhearann aige. Ach, aig deireadh a’ chogaidh, lean Brocket air leis na poileasaidhean a bh’ aige ron chogadh. Chuir e cuid mhath de luchd-obrach na h-oighreachd a-mach às na taighean aca.

Bha na reudairean dhen bheachd gun robh iad a’ leantainn ann an cas-cheumannan ghaisgeach ann am Bhatarsaigh, san Eilean Sgitheanach, ann an Leòdhas is àiteachan eile, far an do sheas na daoine an còraichean a bhith a’ fuireach air fearann an sinnsirean. Agus dè rinn an t-uachdaran? Mar a chuir Seumas MacEanraig na faclan ann am beul Bhrocket ‘You’re a shower of tartan bolshies, but I’ll soon have you licked, I’ll write to the Court of Session for an interim interdict…’

Agus ’s e sin a thachair. A rèir ‘The Men of Knoydart’: Then spoke the men of Knoydart, ‘You have no earthly right, for this is the land of Alba and no the Isle of Wight. When Scotland's proud young Fianna are assembled in the van, we'll show the world that Highlanders have a right to Scottish land’. Uill, ’s dòcha gun robh còraichean moralta aca, ach cha d’ fhuair iad taic na cùirte. Ged a bhuannaich e sa chùirt, ge-tà, dh’fhàs Brocket sgìth dhen strì, agus reic e an oighreachd ann an caogad ’s a dhà (1952).

Eadar a’ bhliadhna sin agus naochad ’s a naoi (1999), bha Cnòideart ann an làmhan sreath dhaoine eile – An Coirneal Sir Oliver Crosthwaite-Eyre, Major Nigel Chamberlayne-Macdonald, Philip Rhodes, Reg Brealey agus Stephen Hinchcliffe. Bha aon rud sa chumantas thar nam bliadhnaichean sin. Bha sluagh na h-oighreachd a’ dol an lughad, agus cha robh cothrom aig muinntir an àite leasachaidhean mòra a dhèanamh.

An uair sin, ann an naoi ceud deug, naochad ’s a naoi (1999), ghabh Bunait Chnòideirt – buidheann anns an robh muinntir an àite air an riochdachadh – smachd air an oighreachd le bhith ga ceannach. A-nise, tha barrachd dhaoine òg’ a' fuireach ann an Cnòideart na bha airson ùine mhòr, agus tha leasachaidhean eaconamach a’ dol air adhart. Cha do bhuannaich an Seachdnar Reudairean san strì aca, ach ’s dòcha gun do bhuannaich an spiorad a bha iad a’ riochdachadh aig an àm sin, seasgad ’s a còig bliadhna air ais.

Litir 729 Litir 729 Litir 731 Litir 731

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!