Bha mi ag innse dhuibh mu Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain, agus na cunntasan ann de naoimh co-cheangailte ri Alba. Thàinig iris ùr dhen leabhar a-mach
an-uiridh, air a dheasachadh le Ailean MacGuaire, agus air fhoillseachadh le Four Courts Press ann am Baile Atha Cliath. Bha an leabhar air a sgrìobhadh
ann an Laideann, ach tha eadar-theangachadh Beurla ann cuideachd.
Tha grunn stòiridhean ann mu bheatha is mìorbhailean Naomh Brìde – tè a bha air leth cudromach do na Gàidheil. Seo eisimpleirean dhiubh. Bha a pàrantan ag
iarraidh oirre pòsadh. Ach bha i fhèin airson fuireach na h-òigh. Ghuidh i air an Tighearna gun tigeadh mì-chumadh oirre agus, mar sin,
nach biodh nòisean aig na fir-uaisle dhi. An uair sin, spreadh tè de na sùilean aice.
Nuair a bha i na bean-chràbhaidh, rinn i grunn mhìorbhailean. Thàinig boireannach thuice, a bha a’ fulang leis an luibhre. Bha i a’ sireadh bainne. Cha
robh bainne aig Brìde ann, ach thug i uisge fuar don bhoireannach. Thàinig leigheas oirre air a’ bhoireannach às dèidh dhi an t-uisge òl.
Turas eile, bha i a’ siubhal ann an cairt le eich, nuair a chunnaic i fear bochd le theaghlach a’ giùlain fiodh. Bha an obair spàirneil. Ghabh Brìde truas
riutha. Thug i a cuid each don teaghlach agus shuidh i fhèin is a maighdeanan ri taobh an rathaid. Bha am pathadh orra. ‘Tog an sgrath
sin,’ thuirt Brìde. Cho luath ’ s a bha an sgrath air a togail, ’s ann a nochd fuaran uisge. An dèidh sin, bha commandair airm a’ dol seachad agus thug
esan dà each do Bhrìde.
Latha eile, bha i ann an cabhaig agus thuit i aig àth nuair a bha i a’ dol tarsainn abhainn. Bhuail i a ceann. Bha fuil a’ sruthadh às. Bha dithis
bhoireannach balbh an làthair. Shuathadh fuil Brìde orra agus thill comas labhairt thuca.
Bha i ann an coitheanal mòr turas nuair a chuir boireannach casaid às leth easbaig gum b’ esan athair a’ phàiste aice. Thug Brìde air a’ phàiste bruidhinn.
‘Cò d’ athair?’ dh’fhaighnich i. Agus fhreagair e, ‘Chan e an t-easbaig m’ athair, ach cuideigin olc air iomall a’ choitheanail.’ An turas sin, ’s
iongantach mura robh àrd-urrachan na h-Eaglaise gu math toilichte le Brìde.
Ach cò bh’ innte? Tha i air a h-ainmeachadh ann an àiteachan ann an Alba mar Cille Brìde agus Lann Brìde. Tha i co-cheangailte gu làidir ri Cill Dara ann
an Èirinn agus tha droch theans ann, eucoltach ri Calum Cille, mar eisimpleir, gun robh i riamh ann an Alba. Tha i coltach ri Naomh Anndra anns an dòigh
sin.
Tha Ailean MacGuaire a’ sgrìobhadh, ‘as a historical figure, Brigit is very elusive.’ Gu dearbh fhèin. Tha esan dhen bheachd gun deach cliù seann ban-dia
phàganach, air an robh ‘Brìde’, a ghabhail thairis leis an Eaglais. Bha a’ bhan-dia, no ’s dòcha triùir dhiubh a bha nam peathraichean leis an aon ainm,
air a comharrachadh air a’ chiad fhèill-chairteil dhen bhliadhna. B’ e sin Imbolg aig toiseach a’ Ghearrain, letheach-slighe eadar toiseach na Samhna agus
Latha Buidhe Bealltainn. Uill, ’s e Imbolg a chanadh na h-Èireannaich phàganach ris ach cha chuala mi fhìn dad ann an Alba ach Fèill-Brìde. ’S e a bh’ ann
fèill a bha an dà chuid pàganach agus Crìosdail – mar a bha Brìde fhèin.