Tha sinn fhathast anns a’ Ghleann Mhòr an t-seachdain seo. Bu mhath leam innse dhuibh mu fhear ainmeil a chuir seachad nam bliadhnaichean mu dheireadh aige ann an Cille Chuimein, taobh Loch Nis. Bha e ainmeil mar an ‘sealgair-leòmhann’.
B’ e an duine Roualeyn George Gordon-Cumming. Bha e na fhear-siubhail agus na fhear-spòrs. Tuigidh sibh nach robh a theaghlach gann de dh’airgead. Bha
tàthan eadar ‘Gordon’ is ‘Cumming’.
B’ e Roualeyn George an dàrna mac aig Uilleam Gòrdan Gordon-Cumming, fear a bha am measg nan uaislean mòra. Rugadh an gille ann an ochd ceud deug is
fichead (1820), agus fhuair e a chuid foghlaim aig Eton. Nuair a bha e ochd-deug, dh’fhalbh e do na h-Innseachan far an robh e an sàs ann an Eachraidh
Aotrom Mhadras. Ach cha do chòrd an aimsir anns na h-Innseachan ris agus thill e dhachaigh.
Bha aon rud air còrdadh ris anns na h-Innseachan, ge-tà – sealg. Chaidh e an uair sin a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an robh e a’ dèanamh tuilleadh seilg.
Ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843), chaidh Gordon-Cumming a dh’Afraga. Thòisich e anns a’ Cheap ach cha b’ fhada gus an robh e ann am meadhan
na mòr-thìr, a’ sealg agus a’ sealg. Bha an dùthaich sin làn bheathaichean mòra aig an àm sin. Chuir Gordon-Cumming seachad còig bliadhna ann an Afraga
agus sgrìobh e leabhar Five Years of a Hunter: Life in the Far Interior of South Africa. Dh’fhàs e ainmeil air a shàillibh.
Bha pàirtean dhen chunntas aige doirbh a chreidsinn do chuid, ged a sgrìobh Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe gun gabhadh a h-uile pàirt dheth a chreidsinn. Thuirt
an Cuimeanach gun do leum e a-steach gu linne turas anns an robh each-aibhne a bh’ air a ghoirteachadh. Le sgian, gheàrr e eagan ann an cliathaich a’
chreutair. Chuir e iallan leathair tro na lùban agus, le taic bho a chompanaich, tharraing e an t-each-aibhne a-mach às an uisge.
Rinn Gordon-Cumming dealbhan dubh-is-geal airson an leabhair. Sin e ann am fear dhiubh le sgian, a’ toirt ionnsaigh air an each-aibhne leòinte – beathach
mòr fiadhaich. Sin e a-rithist ann an dealbh eile, cuide ri fear dubh Afraganach, agus iad a’ feuchainn ri nathair mhòr fhada a tharraing a-mach às na
creagan le bhith a’ greimeachadh air a h-earball.
Ghlèidh e cuid de na closaichean is cinn a fhuair e. Bha iad air an sealltainn don phoball anns a’ Mhòr-thaisbeanadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug,
caogad ’s a h-aon (1851). Chaidh an cruinneachadh aige – ‘The South Africa Museum’ – a thoirt timcheall Bhreatainn. Mu dheireadh, chaidh a thoirt do thalla
ann an Cille Chuimein, far an cuireadh Gordon-Cumming seachad na h-ochd bliadhna mu dheireadh de a bheatha.
Aig an àm sin, bha tòrr luchd-turais a’ siubhal tro Chille Chuimein, agus iad air bàtaichean anns a’ Chanàl Chailleannach eadar an Gearasdan agus Inbhir
Nis. Bhiodh Gordon-Cumming a’ nochdadh air bruaichean a’ chanàil nuair a bhiodh bàta a’ tighinn a-steach, agus èideadh Gàidhealach air, le gobhar na chois.
Bhiodh e a’ brosnachadh dhaoine gus a dhol a choimhead air an taisbeanadh aige de shealg ann an Afraga, aig prìs tastain.
Agus ’s ann an Cille Chuimein a thàinig eachdraidh iongantach gu crìch, ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a sia (1866) aig aois dìreach ceathrad ’s a sia.