Tha sinn a’ fuireach ann an Dabhach an Fhasaidh, taobh Loch Lòchaidh, an t-seachdain seo. Aig fìor cheann a deas an locha, tha Magh
Comair. Ann am Beurla – Mucomir. ’S e a th’ ann magh no blàr anns a bheil dà abhainn a’ tighinn còmhla – ann an ‘comar’. ’S iad sin Abhainn
Spiothain agus Abhainn Lòchaidh.
’S iongantach mura h-eil baile-fearainn air a bhith ann am Magh Comair airson ùine mhòir. Am measg nan daoine a dh’obraich am fearann mar thuathanaich, bha
fear Sandaidh Camshron. Bha e beò aig deireadh an naoidheamh linn deug, suas gu meadhan an fhicheadamh linn. Bha e am measg nan daoine a bu làidire ann an
Alba.
Bha cliù aig Camshronaich Mhagh Comair mar dhaoine car fiadhaich. Tha stòiridh ann gun robh taistealach a’ sireadh biadh is fasgadh. Thàinig e gu Magh
Comair. Bha e greis a’ gnogadh air doras an taighe gun freagairt fhaighinn. Ghnog e rithist, le buillean làidir.
Dh’fhosgladh uinneag. Chuir cuideigin a cheann a-mach, agus dh’fheòraich e gu dè bha ag adhbharachadh na h-ùpraid. ‘Ma tha Crìosdaidh a-staigh,’ thuirt an
taistealach, ‘nach leig e leam fois a ghabhail am broinn an taighe?’ Fhreagair am fear eile, ‘Chan eil Crìosdaidh an seo ann – ’s e Camshronaich a th’
annainn uile!’
’S dòcha nach eil an stòiridh sin fìor, ach tuigidh sibh gun robh cliù de sheòrsa air choreigin aig muinntir an àite! Bhathar ag ràdh mu Shandaidh Camshron
– no Alexander Anthony Cameron mar a bh’ air ann am Beurla – gun robh e na bu làidire na duine sam bith eile a bha beò ri linn ann an Alba. Bha a phiuthar,
Ceit, a bha cuideachd iongantach làidir, dhen bheachd gun d’ fhuair iad an neart bho athair am màthar, a bhuineadh do Chloinn ’ic a’ Mhaoilein. Bha cliù
acasan mar dhaoine neartmhor. Bhathar ag innse mu fhear dhiubh a tharraing each a-mach à poll mònach. Mar bu trice, nam biodh each a’ tuiteam ann am poll
mònach, gheibheadh e bàs an sin.
Tha e coltach gun robh Sandaidh dìreach làidir gu nàdarrach. Cha robh e a’ dèanamh trèanadh sam bith, thuirt e, ach beagan spealaidh. Chan eil mi cinnteach
an gabh sin a chreidsinn, ach bha e na bu thoilichte a bhith an sàs ann an obair-fearainn seach a bhith na lùth-chleasaiche ainmeil.
Ach chaidh e timcheall nan geamannan Gàidhealach. Bha seachd clachan deug de chuideam ann. A dh’aindeoin sin, bhiodh e a’ buannachadh fharpaisean mar an
àrd-leum. Agus bhiodh e gu tric a’ buannachadh fharpaisean neart – leithid carachd, tilgeil an ùird agus togail chlach.
Bha Sandaidh a’ carachd turas an aghaidh George Hackenschmidt, an ‘Leòmhann Ruiseanach’. Bha Hackenschmidt dhen bheachd gun robh Sandaidh air leth math
agus thabhainn e cothrom don Albannach a dhol air turas eadar-nàiseanta leis. Dhiùlt an Camshronach, ge-tà, agus thill e dhachaigh a Loch Abar.
Ach chaidh e air tursan eadar-nàiseanta tràth san fhicheadamh linn. Bha e ann an Astràilia ’s Sealan Nuadh, agus cuideachd anns an Ruis. Tha e coltach,
ge-tà, gun robh e a cheart cho toilichte a bhith aig Geamannan Gàidhealach Ghleann Fhionnainn! Chaochail Sandaidh ann an naoi ceud deug, caogad ’s a h-aon
(1951), aig aois seachdad ’s a sia. ’S iomadh clach a chuireadh air a chàrn, ach bhiodh iad uile beag an coimeas ris an fheadhainn a thog e fhèin!