FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Dochaidh

Bha mi a’ leughadh an latha eile mu ‘dochy’ –

Audio is playing in pop-over.

An Dochaidh

Bha mi a’ leughadh an latha eile mu ‘dochy’ – D-O-C-H-Y – nàdar de mhaide a bhathar a’ cleachdadh air a’ Ghàidhealtachd mar bhall-airm. Bha mi dhen bheachd an toiseach gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig am facal, ’s gun robh e co-cheangailte ri dochann. Oir ’s iomadh dochann a chaidh a dhèanamh leis an dochaidh, a rèir choltais.

Cha chreid mi nach robh mi ceàrr, ge-tà. ’S ann bhon Ghàidhlig a thàinig am facal, ceart gu leòr, ach bho ainm-àite ann an Loch Abar – Dabhach an Fhasaidh, taobh Loch Lòchaidh. ’S e ‘Dochanassie Stick’ a chainte ris a’ mhaide ann am Beurla.

’S e bata goirid daraich a bh’ anns an dochaidh. Bha e trom is tiugh, le ceann mòr air. Bhiodh daoine gan giùlan aig àm sìthe airson an dìon, nuair a bha iad aig fèilltean-reic agus tiodhlacaidhean, is gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Aig àm cogaidh, bha iad air an cur an dàrna taobh agus bhiodh daoine a’ giùlan chlaidheamhan, biodagan is dagaichean. Dhèanadh an dochaidh dochann ach, mar bu trice, chan adhbharaicheadh e bàs.

Bhiodh daoine a’ toirt dochaidhean leotha gu taighean-seinnse cuideachd. An uair sin, nam biodh sabaid ann, agus am mullach ìosal, bhiodh iad a’ greimeachadh an dochaidh na mheadhan. Nam biodh an ceann dheth trom gu leòr, bhiodh e fhathast ag obair gu math.

Tha e inntinneach gu bheilear a’ dèanamh ceangal làidir eadar na Gàidheil agus deoch nàiseanta na h-Alba. Chan eil mi a’ ciallachadh ‘Irn Bru’ ach ‘uisge-beatha! ’S ann bho uisge-beatha a tha sinn a’ faighinn na Beurla whisky. Agus bha na Gàidheil riamh measail air uisge-beatha. Nach robh ar sinnsirean ga dhèanamh gu tric?!

Ann am beul-aithris, tha deoch làidir eile a’ nochdadh gu minig cuideachd – tè nach robh air a dhèanamh ann an Alba – branndaidh. Seo cunntas beag de dh’òl branndaidh à dùthaich nan Camshronach, faisg air Dabhach an Fhasaidh. Tha e a’ dol air ais gu deireadh Bliadhna Theàrlaich. Bha arm a’ Phrionnsa a’ teicheadh àn dèidh Chùil Lodair. Ann an dòigh air choreigin, bha iad air sia botail branndaidh a ghoid bho stòras an riaghaltais ann an Cille Chuimein.

Ràinig iad Abhainn Lòchaidh air an oidhche. Bha iad a’ dèanamh air Ach na Cairidh, àros Camshron Loch Iall. Bha na saighdearan dearga air a h-uile bàta aig na Camshronaich a chur na smàl. Ach chaill iad aon tè – seann choit mhosgain a bh’ air a bhith air Loch Airceig. Bha i ag aoidion ach dhèanadh i a’ chùis ann an èiginn.

‘An gabh sibh dram branndaidh?’ thuirt fear de na Camshronaich ris a’ Phrionnsa. ‘Gabhaidh,’ fhreagair Teàrlach, agus ghabh a h-uile duine dram mus deach iad don t-soitheach. Dh’òl iad trì botail eatarra. Bha trì air fhàgail.

Ghabhadh a’ choit dìreach an treas cuid dhen t-sluagh. B’ fheudar dhi trì tursan a ghabhail tarsainn na h-aibhne. Air an treas turas, thuit na trì botail branndaidh agus bhris iad am broinn a’ bhàta. Mheasgaich am branndaidh le uisge salach – an taoim – ann am bonn a’ bhata.

Ach cha do chuir sin stad air na Camshronaich. Bha iad cho dèidheil air deoch ’s gun do dh’òl iad a h-uile boinne dhen taoim! S dòcha gur e a bh’ ann ach dòigh airson dìochuimhneachadh mar a dh’fhuiling adhbhar a’ Phrionnsa air blàr a’ bhatail agus mar a bhiodh droch làithean romhpa.

Litir 718 Litir 718 Litir 720 Litir 720

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!